Giorrachadh

O Uicipeid

Tha giorrachadh 'na fhacal no abairt a chaidh a dhèanamh na bu ghiorra a dh'aona-ghnothach. Mar is trice, 's e sreath litrichean a tha ann a bha san fhacal no san abairt thùsail.

Giorrachaidhean Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil giorrachaidhean cho pailt ann an sgrìobhadh na Gàidhlig an coimeas ri cànain eile. Seo grunn eisimpleirean:

Sortable table
An giorrachadh Am facal slàn no an abairt shlàn
agus
⁊c et cetera, agus mar sin air adhart
10mh deicheamh
1d ciad
2na dàrna
2ra dara
3as treas
4mh ceathramh
5mh còigeamh
6mh siathamh
7ain seachdain
7mh seachdamh
8mh ochdamh
9mh naoidheamh
aa air ais
AD AD
AE An t-Aonadh Eòrpach
ag. ainmear gnìomhaireach
ainm. ainmear
àir. àireamh
Bhmh A Bhana-mhaighstir
bl bliadhna
Bmh Bana-mhaighstir
BnaG/BnG Bòrd na Gàidhlig
boir. boireann
bua. buadhair
caib. caibideil
CCB Coinneamh Choitcheann Bhliadhnail
cgl. ceart gu leòr
cl. clach ('s e sin an cuideam)
co-ghn. co-ghnìomhair
coi. coimeasach
Damh An Dàmhair
Dùn Èideann
DEDh Deas 's an ear-dheas
Dia DiarDaoin
DiC DiCiadain
DiD DiDòmhnaich
DIDh Deas 's an iar-dheas
Dih DihAoine
DiL DiLuain
DiM DiMàirt
DiS DiSathairne
Dr Dotair
Dùbh An Dùbhlachd
Earr Earranta (PLC na Beurla)
EEDh An ear 's an ear-dheas
EIDh An ear 's an iar-dheas
Eta Earranta (PLC na Beurla)
f. feasgar
f2 fealla-dhà
FA Foghlam Adhartach
faa fàilte air ais
Faoi Am Faoilleach
FFB foghlam fad-bheatha
fir. fireann
Gearr An Gearran
Gibl An Giblean
gin. an tuiseal ginideach
gml gabh mo leisgeul
gn. gnìomhair
gao gàire os àrd
grma gun robh math agad
gsbe gnothach sam bith eile
IIDh An iar 's an iar-dheas
IITh An iar 's an iar-thuath
iol. iolra
Iuch An t-Iuchar
lbh leabhar
Le d. Le dùrachd
Le dd. Le deagh dhùrachd
ll/mm/bb latha/mìos/bliadhna
LnS Latha na Sàbaid
Lùna An Lùnastal
m. madainn
m.e. / me Mar eisimpleir
Màrt Am Màrt
Mgh Maighstir
Mhgh A Mhaighstir
msl mar sin leat
msaa mar sin air adhart
mt mòran taing
neo-ath. neo-atharrachail
ngd na gabh dragh
Nmh. Naomh
nsg. naisgear
OGE Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean
Ògmh An t-Ògmhios
òir òirlich
Oll. Ollamh
omc o mo chreach
RA An Rìoghachd Aonaichte
RC BC
roi. roimhear
SAA Na Stàitean Aonaichte Ameireaga
Samh An t-Samhain
sdbh 's e do bheatha
sdl san dol seachad
sing. singilte
sloinn. sloinneadh
Sult An t-Sultain
tb taigh-beag
tbh telebhisean
Td Taobh-duilleig
TETh Tuath 's an ear-thuath
TITh Tuath 's an iar-thuath
tl tapadh leat
tr troighean (feet)
Urr. Urramach
ÙTA Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba (SQA)