Germinal (nobhail)

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Sanas airson Germinal anns an iris "Gil Blas", 25 an t-Sultain 1884

'S e Germinal nobhail Fraingis leis an ùghdar Émile Zola, a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1885. Thathar a' beachdachadh gur e an annas-làimh aig Zola.

'S e Germinal an treasa nobhail deug anns an sreath Les Rougon-Macquart, agus aon de na leabhraichean Fraingis as ainmeile.

Tha an sgeulachd mu dheidhinn na beatha truagh is na bochdainn aig coimhearsnachd de mhèinneadairean anns an Fhraing mu thuath, stailc mhì-shealbhach far am feuch na mèinneadairean a leasachadh an suidheachadh, agus iarbhail na stailc.

Anns an nobhail, bithidh Zola a' toirt luaidh air teoiricean ginteil a mhìneachadh gnìomhan a' phrìomh-charactar, Étienne Lantier.

Tha tiotal an leabhair, Germinal, a' toirt iomradh air mìos an earraich anns a' mhìosachan Frangach poblachdail, mìos a tha a' samhlachadh ath-ùrachaidh agus, mar sin, dòchas airson àm as fheàrr ri teachd.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]