Fuaimreag

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e aon seòrsa de dh'fhogharan a tha ann am fuaimreagan. Tha iad a' cruthachadh le sèideadh a-mach gun bhacadh an adhair. Dh'fhaodhadh iad a bhith goirid no fada, agus dh'fhaodar an cur còmhla airson dà-fhogharan a dhèanamh. Tha iad a' cruthachadh lidean cuideachd.

Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Tha còig fuaimreagan goirid agus còig fuaimreagan fada sa Ghàidhlig:

Fuaimreagan goirid Fuaimreagan fada
Litreachadh Fuaimneachadh Mar Litreachadh Fuaimneachadh Mar
a [a] bata à [a:] bàta
e [ɛ][e] le, teth è, é [ɛ:][e:] sèimh, fhéin
i [i][i:] sin, ith ì [i:] mìn
o [ɔ][o] poca, bog ò, ó [ɔ:][o:] pòcaid, mór
u [u] tur ù [u:] tùr

Roinnear cuideachd air "fuaimreagan leathann" (a, o, u) agus "fuaimreagan caola" (e, i).

Aistean cho-ceangailte[deasaich | deasaich an tùs]