Frauenkirche

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Frauenkirche ann an Dresden

'S i am Frauenkirche (Eaglais nam Ban) ann an Dresden aon dhe na h-eaglaisean as àile anns an stoidhle baroc. Chaidh an eaglais a thogail eadar 1726 is 1743.

An seann eaglais[deasaich | edit source]

Bha eaglais bheag anns an àite seo bhon 11mh linn a-mach ris an canar Kirche zu unser liuben Vrouwen. Tha an t-ainm a' ciallachadh: "Eaglais do ar mnà gràdhaiche" agus a' toirt urram do Mhoire. Is dòcha gum b' e sin an eaglais a bu shine a bha ann an Dresden. Anns an Àth-leasachadh dh’atharraich an Eaglais Chaitligeach chun na h-Eaglaise Pròstanaiche. Aig toiseach na 18mh linn bha an eaglais a' fhàs seann, bha eagal air muinntir Dresden gum biodh i a' briseadh. Agus cha robh i mòr gu leòr airson àireamh an luchd creideamh a bha a' fàs gu math luath. Mar sin chaidh an eaglais seo a chur sìos ann an 1727.

Am Frauenkirche[deasaich | edit source]

Chaidh an eaglais ùr, am Frauenkirche, a thogail eadar 1726 is 1743 a-rèir na planaichean a chruthaich George Bähr. Bha an rìgh August der Starke ag iarraidh eaglais anns an stoidhle coltach ris an àrd-eaglais anns an Rome no an eaglais Santa Maria della Saluteno ann an Venice.

An tòiseach chruthaich Bähr eaglais air a bheil "dome" à fiodh is copar. Ach air sgàth 's gun robh an t-airgead gann, dh'atharraich e am plana aige agus chuir e dome à clachan-ghainmhich air a bha fada na saoire ach fada nas truime. Tha an dome cho àird ri 96 m agus cho trom ri 12.000 tunna. Tha e coltach ri clag agus canar die Steinerne Glocke (clach-clag) ris. Bha deasbad mòr ann am biodh an togalach seasmhach gu leòr airson a bhith a' seasamh ris a' chuideam. Ach bha, agus bha am Frauenkirche ri fhaicinn bho astar fada ann am bun-sgòth Dresden airson 200 bliadhna.

Chaochail George Bähr 16 am Màrt 1738 ann an Dresden, còig bliadhna mus robh am Frauenkirche deiseil. Chaidh a thìodhlacadh am broinn na h-eaglaise.

An Dàrna Cogadh[deasaich | edit source]

Tobhta na h-eaglaise, le clach-cuimhne Mhàrtainn Lùtair air a beulaibh

Anns an Dàrna Cogadh bha Dresden air a mhilleadh gu mòr air , gu h-àraidh eadar an 13mh is 15mh dhen Ghearran 1945 nuair a chaidh mòran bhomaichean a' leigeil air a' bhaile leis na Breatannaich is na h-Aimeireaganaich. Bha na bomaichean a' losgadh an t-seann-bhaile agus bha am Frauenkirche air a milleadh leis an teine mhòr. Bha an teine am broinn na h-eaglaise cho teth ri 1200° C, mar sin bhris na clachan-ghainmhich às a chèile. Aig 10 uairean sa mhadainn 15 an Gearran bhris na ballaichean às a chèile agus bha an dome a' tuiteam am broinn an togalaich.

An dèidh a' chogaidh, aig àm GDR ann an 1962, dh’iarr comhairle a' bhaile pàirce-càraichean a chur an àite. Ach bha muinntir Dhresden an-aghaidh a' phlana sin. Chleachd iad na tobhtaichean gus cuimhne a thoirt don fheadhainn às an teaghlach aca a chaidh a mharbhadh anns a' chogaidh, gu h-àraidh don fheadhainn a bha air an caill gun tìodhlacadh ceart. Chuir iad rosan ris na clachan briste. Mar sin dh’fhàs an àite seo cudromach mar chuimhneachan-daoine agus ìomhaigh an-aghaidh chogaidhean.

Bhon bhliadhna 1982 a-mach thòisich coinneamhan-sìthe a bhith ann an seo cuideachd. Gach 13mh an Gearran bhathar a' coinneachadh an seo gu math sàmhach agus a' toirt flùraichean agus coinnlean ris an tobhta. Aig an deireadh , ann an 1989, bha nas motha na 10.000 duine a' gabhail pàirt anns a' ghluasad sìthe seo. Mu dheireadh thall bha sin a' leantainn, (le tachartasan eile) gu ath-aontachadh na Gearmailt ann an 1989.

Ath-thogail[deasaich | edit source]

An dèidh ath-aontachadh na Gearmailt thòiseachadh air an eaglais a thogail a-rithist anns an stoidhle tùsail ann an 1994. Bha mòran daoine is buidhnean eadar-dhealaichte air feadh an t-saoghail an sàs anns an obair seo. Mar eisimpleir chruthaich Alan Smith à Lunnainn crois ùr an stìobaill. B’ esan mac an athair a b' e aon de na stiùireadairean plèana a chuir bomaichean air Dresden. [1]

Anns an 30 an Damhair 2005 bha a' chiad aifreann a-rithist anns am Frauenkirche. An-diugh 's e samhla na rèiteachd is na sìthe a tha anns am Frauenkirche.

Dealbhan[deasaich | edit source]

Iomraidhean[deasaich | edit source]

  1. Naidheachdan BBC

Ceanglaichean a-mach[deasaich | edit source]

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: