Esperanto

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Bratach Esperanto
A chiad leabhar san Esperanto le L. L. Zamenhof

'S e Esperanto an cànan fuadain as ainmeile agus as soirbheachaile de na h-uile a chaidh an cruthachadh (Volapük, Ido, Interlingua, 7c.) air son conaltradh eadar na pobaill den talamh a dhèanamh nas fhasa.

Clàr-innse

[deasaich] Eachdraidh

Chuireadh air bog e leis an Dr. Ludwick Lazurus Zamenhof , lighiche Pòlainneach, ann an 1887, agus an diugh cha mhòr nach eil dùthaich sam bith air an talamh far nach eil luchd-labhairt Esperanto. Sa mhòr-chuid de na tìrean chan eil na h-Esperantaich pailt, ach tha Esperanto laidir ann am Braisil agus àireamh ait' eile. Is ann air faclan cumanta cànanan na h-Eòrpa (gu h-àraidh nan cànan Laideannach) a tha faclair Esperanto stèidhichte, ach tha Esperanto fada nas fhasa a dh’ ionnsachadh na teanga sam bi eile, a chionn ‘s nach eil gnìomairean neo-riaghailteach, mura-bhith no gnàthasan-cainnt mì-sheaghach innte. Thèid aig duine tùrail sam bith Esperanto a thogail ann an deicheamh den ùine a tha e ag iarraidh airson, can, Fraingis no Gearmailtis a dh’ ionnsachadh.

[deasaich] Litreachas agus eadar-theangaichean

Tha a’ chànan seo saidhbhir ann an litreachas eadar-theangaichte agus tùsail. Gheibhear eadar-theangaidhean Esperanto de dh’ iomadach leabhar cudthromach: am Bioball, an Coràn, am Bhagabhad Gita, obraichean Shakespeare, Goethe, Dante, Cervantes, 7c. Tha eadar-theangaidhean de litreachas Esperanto ann an cànanan eile - mar eisimpleir an duan fada La infana raso (An Cinneadh Leanabail) leis a' bhàrd Esperantach Albannach Uilleam Auld (1924-2006), a chaidh fhoillseachadh anns a' Ghàidhlig, còmhla ri àireamh eadar-theangaidhean eile, air duilleagan-lìn an Association of Esperantophone Writers (Esperantlingva verkista asocio)[1]. Thatar a' measadh La infana raso mar sàr-obair an litreachais ann an Esperanto, agus air bhunait na h-oibre seo, chuireadh ainm Auld air adhart mar tagraiche air son Duais Nobel ann an Litreachais ann an 1998.

[deasaich] Breithneachadh

Chan eil Esperanto gun breithneachadh, math is dona. Mar eiseimpleir, bha mòran argumaidean san eachdraidh, agus thàinig cànain ùra eadar-nàiseanta as, mar "Ido" agus "Interlingua".

Am measg na beachdan an aghaidh-

  • Theirear nach eil Esperanto eadar-nàiseanta idir, ach cànan Eòrpach le gràmar is faclan Eòrpach ann.
  • Chan eil riaghaltas sam bith, neo na Nàiseanan Aonaichte ga cleachdadh.
  • Tha cuid ag ràdh gu bheil cànan Klingon aig àireamh as àirde.

[deasaich] Tuilleadh leughadh

  • MacAoidh, Garbhan Esperanto - Cànain an Dòchais (an trì pàirtean an) Gairm, Àir. 134, 135, 136 (1986).
  • Màthair-adhbhair an fhiosrachaidh: Cumann Esperanto na hÉireann, Tulach Mhór.
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo:

Cainntean eile