Enriqueta Martí

O Uicipeid
Enriqueta Martí
Beatha
Ainm slàn Enriqueta Martí y Ripollés, Enriqueta Martí i Ripoll
Breith Sant Feliu de Llobregat (en) Translate, 2 dhen Ghearran 1868
Dùthaich  An Spàinn
Bàs Barcelona, 12 dhen Chèitean 1913
Àite-adhlacaidh Cladh Montjuïc
Nàdar a’ bhàis  (uterine cancer (en) Translate)
Foghlam
Cànain Spàinntis
Catalanais
Dreuchd
Dreuchd siùrsach, procurer (en) Translate, curandero (en) Translate agus serial killer (en) Translate
Far-ainmean Vampira de Barcelona, Vampira del Raval agus Vampira de la calle de Poniente

Bha Enriqueta Martí i Ripollés (Sant Feliu de Llobregat 1868Barcelona 12 a' Bhealltainn 1913) 'na mortair Spàinnteach cloinne, mèirleach cloinne 's strìopair de leinibh.

Inbheachd mhoch[deasaich | deasaich an tùs]

'Na mnaoi òig, dh'imrich Enriqueta às a' bhaile a breith, Sant Feliu de Llobregat, ri Barcelona far an dh'obraich i mar banòglach agus banaltram ach a dh'aithghearr thionndaidh i ri strìopachas, araon ann an taighean-strìopachais agus ann an àiteachan air chleachdadh air a' ghnìomh seo, mar a' chala de Barcelona no an Portal de Santa Madrona. Ann an 1895 phòs i fear-ealain air chantainn ri Joan Pujaló, ach dh'fhàillig am pòsadh airson, a-rèir ri Pujaló, na neo-dhìlseachd Enriqueta; a càileachd annasach, breugach, neo-sheasmhach; agus a tadhalan leantach ri taighean-strìopachais. A dh'aindeoin a pòsadh, mhair i a thadhal àiteachan strìopachais agus daoine nàra. Rèitich is dhealaich an dithis dìreach sia h-àmannan. ‘Nuair a bha Enriqueta air chur an greim an 1912 bha an càraid air leth o chionn còig bliadhnaichean agus cha robh clann aca.

Bha Enriqueta leam-leat. Fad an latha chuir i uimpe an t-aodach dhèircich agus dh’fhalbh is air dèirc aig eaglaisean agus taighean-carthannachd ‘sna ceàrnan as bochda os ìosal a’ roghnachadh leinibh a nochd trèigte. A’ gabhail na leinibh air làimh, rinn is iad a’ giùlan mar a clann. Na b’ fhadalaiche, truaill no mhort i iad. Chan dh’fheumadh i falbh air dèirc oir thug a h-obair mar strìopair agus strìopach airgead gu leòr dhi fhuireach gu math. ‘San oidhche, chuir is uimpe aodach sòghail agus chaidh is dhan Teatro del Liceu, dhan Casino de la Arrabassada agus àiteachan eile far an chruinnich na beairtich de Barcelona. ‘S e so-dhearbhaidh gun do dh’earb i a frithealadh ‘na strìopair cloinne ‘sna h-àiteachan sin. An 1909, air an t-Seachdain a’ Bhròin (Catalanais: la Setmana Tràgica), bha is air chur an greim ‘na flat air t- Minerva an Barcelona, fo casaidean gun do stiùir i taigh-strìopachais gun do sholair ri spùinneadairean-cloinne, ag earbsadh frithealaidhean drùiseach à leinibh eadar aois trì bliadhnaichean is ceithir bliadhna deug a dh’aois. Leatha, bha air chur an greim òganach theaghlaich bheairtich. Ach le ceanglaichean ris na beairtich de Barcelona a rèitich a frithealaidhean ‘na strìopair cloinne, chan fhaca Enriqueta deuchainn agus chailleadh a’ chùis sa’ cho-rian bhreitheach agus mhaor-fhlaitheach.

Aig a’ cheart àm a bha i a’ truailleadh leinibh, chleachd i chuideachd draoidheachd. Rinn is a leigheasan às am fhuigheall dhaonna nan leanabh a bha i a’ marbhadh, o naoidheanan ri leinibh naoi bliadhnaichean a dh’aois. Às na leinibh seo, chleachd i uile rud gum b’ urrainn dhi, an sult, am fuil, a’ ghruag, na cnàmhan (a thionndaidh i chun phùdar, mar as trice); airson sin, cha robh dragh aice air cur na marbhan air falbh. Dh’earb Enriqueta cé gnùise, ìocshlaint, cungaidhean-leighis, plàsdan agus deochan-leighis, gu h-àraidh a ghabh air a’ chaitheamh, a chuir eagal mòr mòran dhaoine an ama sin, agus mòran ghalaran nach robh leigheas ‘san leigheas dùthchasach. Phàigh daoine beairteach mòran airgid airson na leigheasan seo.

Thathar air chur an amharas gun do ghoid is mharbh i uimhir do-shònrachaidh de leinibh, oir dh’obraich i thairis na rèise fhichead bliadhna. Aig an àm a cur an làimh dheireannaich bha iad ‘na flat sa’ Cheàrn Raval, dìreach 29 an t-Sràid Ponent (an-diugh an t-Sràid Joaquín Costa), agus anns na flataichean sa’ bhaile far an robh i air a fuireach bha ann na cnàmhan iomlain dithis is deichnear cloinne. Bha mòran obair aig na h-eòlaichean mòdach oir bha an fuigheall gann agus b’ urrainn dhaibh a dhealachadh na cnàmhan de dà pàistean dheug. ‘S e coltach gun do mharbh i mòran eile na dà pàistean dheug oir dh’obraich i cho fada ‘s a dh’obraich i, is mar sin dhèanadh sin Enriqueta am marbhaiche leansgeulach ‘san eachdraidh na Spàinne; ‘s e soilleir gun do dh’obraich i fad mhòrain bliadhnaichean am Barcelona oir smaoinich an sluagh gun robh neach a’ goid pàistean air falbh. Bha ann mòran leinibh a chaidh à sealladh gun lorg agus bha maoim a-measg an t-sluaigh.

Aig 29, an t-Sràid Ponent[deasaich | deasaich an tùs]

Air 10 an Gearrain, 1912, ghoid i a h-ìobairteach deireannach air falbh: Teresita Guitart Congost. Rannsaich am baile air a son fad dà seachdain agus, a-measg na rannsachaidh, dh’fhairich an sluagh tàmailt mòr oir bha an t-ùghdarras air a bhith glè neo-gnìomhach mu dheidhinn na leinibh air ionndrainn. Bhitheadh nàbaidh amharasach, Claudia Elías, a lorgadh an t-slighe de Teresita. Air 17 an Gearrain chunnaic Elías caileag le gruag bhearrta a’ sealladh o far-uinneag às a’ chùirt a-steach a staidhrichean. Bha am flat air a’ bhràigh nan staidhrichean an taighe 29mh na t-sràide Ponent. Cha robh Elías air a’ chaileig seo faicinn a-riamh. Bha an nìghneag a’ cluich le caileig eile agus dh’fhaighnich Claudia a nàbaidh nuair a chunnaic i i a’ nochdadh ‘san uinneig nan robh a’ chaileag aice. Bha an nàbaidh seo sònraichte Enriqueta Martí, a dhùin an uinneag gun bruidhinn facal. Fo iongnadh, rinn Claudia Elías iomradh air seo ri caraid aice air a’ cheart sràid gun do dh’fhairich i gum b’ e Teresita Guitart Congost a bh’ anns a’ chaileig a chunnaic i. Dh’aithris Elías cuideachd ris air a’ bheatha annasach a ban-nàbaidhe. Dh’aithris an caraid ri maor, Jose Asens, air an amharas mu na bha a’ tachairt ‘san fhlat Enriqueta's agus dh’aithris e seo ri a cheannard, am foireann Ribot. Air 27 an Ghearrain, leis an leisgeul chasaide air cearcan ‘san fhlat, chaidh an Ribot agus dithis maor eile a rannsachadh Enriqueta a bha sa’ chùirt na t-sràide Ferlandina ag aithris dhi na casaide is dh’iarr iad ga gabhail suas ri a flat. Nochd is fo iongnadh ach cha d’rinn i gearan, ‘s dòcha a sheachnadh amharas.

Nuair a chaidh na poileis a-steach dham dh’fhlat, lorg iad dithis caileag ‘san fhlat. B’e Teresita Guitard Congost a bh’ ann aon caileag agus chantadh a’ chaileag eile ri Angelita. An dèidh aithris, thilleadh Teresita ri a teaghlach. Thuirt i gun, ann an tiota nuair a bha i air a gluasad air falbh a màthar, ghabh Enriqueta i air a làmh a’ gealladh mìlseanan rithe, ach thuig Teresita gun robh i a’ bith air ghabhail ro fhada on taigh aice is dh’iarr i a dhol dhachaigh agus dh’fhalaich Enriqueta i le brat dhubh agus dh’fhuadaich i i dham dh’fhlat. An dèidh gun ràinig iad am flat, gheàrr Enriqueta a’ ghruag na caileige is dh’atharraich i a h-ainm ri Felicidad, ag ràdh dhi nach robh pàrantan aice, gun robh i ‘na muime is gum feumainn i a chantainn rithe mar sin nuair a bha iad air an sràid. Bhiadh Enriqueta i le buntatan is aran cruaidh, cha do bhuail is Terestita ach thug i gòmagan dhi, agus bha is air a toirmeasg o dol ris na h-uinneagan no am for-uinneag. Dh’innis Teresita cuideachd gun do dh’fhàg Enriqueta iad leotha fèin am bitheantas agus gun do sgiorr na caileagan aon latha a rannsachadh na seòmraichean a thoirmisg Enriqueta iad a dhol a-steach do. ‘San sgiorradh seo lorg iad màla leis an aodach fhuilteach chaileige agus corcag fhuilteach. Cha do dh’fhàg Teresita am flat fad a bràighdeanas. Bha an t-aithris Angelita na b’ eagalaiche. Mus thàinig Teresita dham fhlat, bha ann balach aois chòig bliadhnaichean air chantainn ri Pepito. Dh’aithris Angelita gun chunnaic i gun robh Enriqueta, a dh’fheumadh a chantainn ri “mamá”, air a mharbhadh air a’ bhùird sa’ chidsin. Cha robh fhios aig Enriqueta gun chunnaic a’ chaileag i is ruith Angelita fhalachadh ‘san leabaidh is ghabh i oirre chadal. Bha an dearbh-aithne Angelita na b’ duilghe a dhearbhadh airson na dìomhaireachd a’ chiad aithrise Enriqueta. Cha robh fhios aig a’ chaileig air a h-ainm fhìor agus dhearbh i an tagradh Enriqueta gun robh an t-ainm a h-athair Joan. Thaic an slaoightear gun robh Angelita ‘na nighean tro Joan Pujaló. Nochd am fear fuadaichte Enriqueta gu deònach mus am breitheamh a lorg an cur a mhnà ann an làimh agus dh’innis nach robh e air a fhuireach leatha fad bliadhnaichean, nach robh clan aca agus nach robh fhios aige on thàinig Angelita. Aig a’ cheann thall dh’aithris Enriqueta gun do ghabh i a’ chaileag nuair a bha i ‘na naoidhean a peathar-chèile, ris a dh’innis i gun do bhàsaich a nighean aig breith. Bha Enriqueta Martí Ripollés air chur an greim a’ phrìosain “Reina Amalia”, togalach a sgriosadh ann an 1936. ‘San dara rannsachadh am fhlait, lorg iad am màla mun bhruidhinn na caileagan, le aodach-cloinne fhuilteach is an sgian. Lorg iad cuideachd màla eile le aodach shalach ach chùm am màla chuideachd cnàmhan daonna beaga, aig a’ char as lugha trìthead aonadan. Nochd na cnàmhan fianais gun robh iad loisgte le teine. Lorg iad cuideachd seòmar-suidhe maisichte gu sòghail le taisg-aodaich le aodach snog à balach is caileag. Chaidh an seòmar-suidhe seo an aghaidh an còrr am fhlait, a bha gàbhaidh is bochd agus chùm e breuntas. Ann an seòmar glasta eile lorg iad an t-uamhas a bha Enriqueta Martí a’ falachadh. ‘San t-seòmar, bha ann leth-cheud pigeadh, cnogan is bòbhlaichean le fuigheall glèidhte daonna: sult, fuil reamhraichte, gruag cloinne, cnàmhan làmhan, fùdar chnàimh... agus cnogan leis na deochan, ungaidhean, agus ìoc-shlàintean a-cheana deas airson reice. A’ maireann an rannsachaidh, bha dithis flat eile air chlàradh far an robh Enriqueta air a fuireach: flat air an sràid Tallers, treas flat air an sràid Picalqués, agus bothan air an sràid Jocs Florals, ann an Sants. Ann an uile dhiubh, lorg iad ballaichean-brèige is, anns na siomail, fuigheall daonna. ‘San lios an taighe air an sràid Jocs Florals, lorg iad claigeann phàiste aois trì bliadhnaichean agus sreath cnàmhan a dh’fhreagair ri leinibh aoisean 3, 6 agus 8 bliadhnaichean. Bha mìrean aodaich aig roinn am fhuighill, mar stocainn air chnòdadh, a thug tuigse gun do ghoid Enriqueta am bitheantas air falbh leinibh theaghlaichean bochda agus chuir ghanna a rannsachadh am pàistean air ionndrainn. Lorg iad taighean eile ann an Sant Feliu de Llobregat, seilbhean an teaghlaich Enriqueta, far an do lorg iad cuideachd fuigheall leinibh ann an botail is cnogan, is leabhraichean leigheasan. Bhuin an taigh ris an teaghlach Martí agus chantadh e ri “Lindo” leis an sluagh, ach bha Joan Pujaló air bhacadh airson na riaghailtearachd dhona an athar Enriqueta, a-rèir dhan dh’innseadh a fir-cèile.

Aig am fhlat na t-sràide Ponent lorg iad rudan amharasach cuideachd: leabhar àrsaidh le mùdanan phàipeir-craicinn, leabhar-nòtaichean far an robh i air a sgrìobhadh seòlaidhean airson deochan is ìoc-shlàintean ann an grinn-sgrìobhadh sgèimheach, pasgan de litrichean is nòtaichean air sgrìobhadh ann an cànan dhìomhair agus clàr le h-ainmean de teaghlaichean agus daoine glè chudthromach ann am Barcelona. Bha an clàr seo glè chonnspaideach oir chreid an sluagh gun robh seo an clàr nan ceannsaiche beairteach Enriqueta. Chreid an sluagh nach pàigheadh na ceannsaichean seo airson na coirean de truaillidh-cloinne no ceannsaich fuighill dhaonna gan leigheas fhèin airson an sealbhais. Dh’fheuch na poileis a chasg o leigeil air èalaidh mu dheidhinn a’ chlàir, ach ruith fathainn gun robh ann lighichean, fir-ghnothaich, fir-lagha, sluagh-iùlaichean, agus bancairean air a’ chlàr. Bha an t-Seachdain nam Bròn soilleir fhathast sa’ chuimhne nan ùghdarras agus, airson an eagail mì-riaghailte choitcheann, shèimhich iad na h-aignean an t-sluaigh, a’ dèanamh gum foillsicheadh na pàipearan-naidheachd aithris a mhìneachadh nach robh na h-ainmean air a’ chlàr churta ach na h-ainmean dhaoine ris a ghuidh Enriqueta agus gun robh na teaghlaichean agus càractaran seo air am mealladh leis na breugan is na h-iarrtasan a’ mhortair.

Chuireadh Enriqueta sa’ phrìosan "Reina Amàlia" fhuireach ri breitheanas. Dh’fheuch i ga marbhadh fhèin tron sàthadh na caoladh a dòrnan le sgian fiodha, rudeigin a rinn an tàmailt an t-sluaigh a spreadhadh oir dh’iarr an sluagh gun seasadh Enriqueta a bhith air chur gu bàs tron tochdadh. Dh’aithris na h-ùghdarrais a’ phrìosain tro na meadhanan gun robh ceumannan air an gabhail a chum nach bitheadh Enriqueta leatha fhèin, a’ ciallachadh gun gabhadh triùir co-phrìosanach le tuilleadh ùghdarrais sa’ phrìosan pàirt chill leatha. Bha seòlaidhean aca ga nochdadh ‘na leabaidh nuair a dh’fhalaich i fhèin a sheachnadh oidhirp sam bith aig fèin-mhort.

Ach chan fhaca Enriqueta deuchainn airson a coirean a-riamh. Bliadhna agus trì mìosan an dèidh a cur an làimh agus thairis na fuachasachd tamàiltiche an t-sluaigh, thàinig bàs rithe. Mharbh a co-phrìosanaich i tro crochadh sa’ ghàrradh a’ phrìosain. Cha bheireadh am mort na mnà cothrom a bhreithneachadh a’ bhean is a nochdadh na rùnan a dh’fhalaich i. Mharbhadh am mèirleach is mortair moch sa’ mhadainn 12 a’ Chèitein, 1913, gu h-oifigeil o galar fada, ach bha an fìrinn on bhuil bhualaidh bhrùideil. Dh’adhlaiceadh i os ìosal ann an uaigh choitcheann aig an Cementerio del Sudoeste, air a’ bheinn de Montjuïc ann an Barcelona.

Aithrisean is Fianais Enriqueta[deasaich | deasaich an tùs]

Cheistich na poileis Enriqueta mu dheidhinn an làthair de Teresita Guitart ‘na taigh agus thug i an leisgeul gun do lorg i a’ chaileag chaillte is fon acras an latha mus air an Ronda de Sant Pau. Dhiùlt Claudia Elías seo oir bha i air a’ chaileig fhaicinn ‘san fhlat iomadaidh latha mus an cur an làimh

Dh’atharraich Enriqueta a h-ainm, Martí, ri Marina. Leis an t-sloinneadh seo, b’ aithne dhi airson ghabhlaichean flataichean far an do dh’fhàillig i mar as trice a’ pàigheadh a’ mhàil. Fad na h-aithrisean, dh’aidich i ris na poileis a sloinnidh fhìor, a bha air dhearbhadh le a fear-cèile, Joan Pujaló.

Cheistich na poileis i cuideachd mu dheidhinn an làthair de cnàmhan is fuigheall dhaonna eile cho math ri cè-gnùise, deochan, ìoc-shlàintean, seuntan, agus botail fala dheasaichte a reic gun robh ‘san fhlat, còmhla leis a’ chorcag. An robh fhios aice gun robh na cnàmhan, a-rèir ris na h-eòlaichean, air am bith air nochdadh ri teothachd àird (air bhruich no loisgte). Thagair Enriqueta an tùs gun d’rinn i rannsachaidhean corp-eòlais dhaonna. Fon bhruthadh a’ cheisteachaidh, dh’aidich i ri ùine gun robh i ‘na lighiche ‘s gun do chleachd i leinibh mar bun-stuth airson an t-saothrachaidh a leigheasan. Bha i ‘na h-eòlaiche is bha fios aice air mar a dhèanadh neach na leigheasan a b’ fheàrr agus gun robh an deasachaidhean pàighte glè mhath le daoine beairteach shuidheachaidh mhath chomannaich. Ann an tiota fhainne, thuirt i riutha rannsachadh a taighean aig na sràidean Tallers, Picalqués, Jocs Florals agus ann an Sant Feliu de Llobregat. B’aithne dhi cuideachd airson agus dh’aidich i ri a solar ri spùinneadairean-cloinne. Ged-tha, on fhearg airson am binn a dh’fhuirich rithe, cha thuirt Enriqueta aon ainm a ceannsaichean.

Mu dheidhinn Pepito, bha i air a faighneachd air a imeachd agus thuirt i nach robh e leatha, gun robh e air a bhith ‘san dùthaich oir bha e air a fhàs tinn. Dh’ath-aithris i an leisgeul gum beir ris a’ bhan-nàbaidh, Claudia Elías, nuair a dh’fhaighnich Elías carson nach cuala no faca i e. Bha Pepito air a ruighneachd a làmhan a-rèir ri Enriqueta airson teaghlaich nach b’ urrainn do ghabhail cùram ris is mar sin dh’earb iad e rithe. Bha fios aca air a làthair leis na h-aithrisean de Angelita is de Claudia Elías, a chunnaic i air uairibh. Spealg fianais uamhannach agus aithris le Angelita an leisgeul sin. Cha b’ urrainn dhi a bhreugnachadh màla aodaich fhuiltich, an sgian, agus fuigheall suilt ùir, fala ùra, is cnàmhan. Bha am fuigheall seo de Pepito. Cha b’ urrainn dhi a thoirt aithne ris an teaghlach a dh’earb am balach rithe, a rinn e soilleir gun robh Enriqueta air am balach ghoid air falbh.

Dh’aithnich steach-inmriche ban-Aragónach às an Alcañiz Enriqueta mar an mèirleach a naoidhean-mac, sia bliadhnaichean na b’ moiche, ann an 1906. Nochd Enriqueta caoimhneas anabarrach ris a’ mhnaoi chlaoidhte is fon acras an dèidh siubhal glè fhada às an tìr agus leig i Enriqueta a chumail a naoidhean. Le leisgeul, ghluais i air falbh às a’ mhàthair is chaidh i à sealladh. Cha do lorg a’ mhàthair mhì-shealbhach a mac no dh’ionnsaich mar a rinn i dha. Is mòr amharas gun do chleachd an naoidhean a shaothrachadh a leigheasan.

Dh’fheuch Enriqueta a chur Angelita mar a nighean le Joan Pujaló. Theagaisg i fiù ‘s a’ chaileag a ràdh gun chanadh a h-athair ri Joan, ach cha robh a’ chaileag fiosrach idir air a bha Joan agus cha robh i air am fear fhacinn a-riamh. Dhiùlt Pujaló gun robh a’ chaileag ‘na nighean, oir cha robh e air a fhaicinn mus a-riamh agus dh’aithris e gun do ghabh Enriqueta oirre bhith leatromach iomadaidh àmannan ‘san àm sheachadail. Dhearbh rannsachadh leighis nach robh Enriqueta air a bhith leatromach is nach robh i air pàiste bheirsinn. Bha am fhianais dheireannach de Enriqueta gun robh Angelita gu fìor an nighean a ghoid i às a piuthar-chèile, Maria Pujaló, a chuidich i ann an asaid, ga dèanamh a chreidsinn gun do bhàsaich a’ chaileag aig breith a los ga cumail.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  • Leabhar, Vampiros: mito y realidad de os no-muertos le Miquel G.Aracil. ISBN 9788441412422

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]