Eilthireachd

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

Tha eilthireachd a' ciallachadh fàgail na dùthcha far an robh duine no daoine a' fuireach (mar as àbhaist an dùthaich far a rugadh agus a thogadh iad) airson a dhol a shuidheachadh ann an dùthaich eile.

Tha iomadh adhbhar ann airson eilthireachd a dhèanamh: mar eisimpleir, faodaidh iad a bhith poileataigeach, eaconomach, pearsanta no co-cheangailte ri creideamh. Faodaidh daoine a' dol a dhùthaich cèine airson am beatha aca a leasachadh, ach mar an ceudna faodaidh iad a bhith a' teicheadh gus am beatha a chumail.