Deasbaireachd na roinn-seòrsa:Daoine à Sasainn

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Tha an roinn-seòrsa roinn-seòrsa:Sasannaich againn mar-thà. Dè am fear a chumas sinn? --Susan.nls (an deasbaireachd) 08:24, 26 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]

Daoine à Sasainn, oir tha dùthchannan againn mar Na Stàitean Aonaichte nach obraich air a' phàtran "Sasannaich" ud. Tha mi 'gan atharrachadh mean air mhean. Agus cha Sasannach gach neach à Sasainn ;) Akerbeltz (an deasbaireachd) 08:31, 26 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]
An fheum iad uile a bhith air an aon phàtran? Gu ìre, tha mi coma aig a thaobh dùthcha, tha mi toilichte le 'Daoine à (Dùthaich)'. Ach tha mi ag ràdh seo is mi a' smaointinn air leithid 'Uibhistich', 'Hearaich' msaa. Bu mhath leam na cruthan Gàidhlig a chleachdadh ged a bhiodh 'Daoine à Dùn Deagh' 's a leithid ann cuideachd. Chanainn fhèin gur Sasannach gach neach à Sasainn; sin a tha an 'à' ag ràdh rium. Dhomhsa, chan eil 'à' = rugadh ann. Rugadh mise ann an Sasainn ach chan ann 'à Sasainn' a tha mi oir thogadh mi an Alba le pàrantan Albannach. --Susan.nls (an deasbaireachd) 09:04, 26 dhen Iuchar 2017 (UTC)[reply]