Deasbaireachd:Con-dobhraid

Page contents not supported in other languages.
O Uicipeid

Ainm a’ bhaile sa Ghàidhlig[deasaich an tùs]

Seach gun robh duilleag Uicipeid againn don bhaile agus duilleag Uicipeid don sgoil agus nach robh na h-ainmean Gàidhlig ag aontachadh ri chéile, thòisich mi deasbad còmhla ri Mìcheal Bauer agus Iain Mac an Tàilleir. B’e Con-dobharait agus Con-Dobharait a bha roimhe seo san Fhaclair Bheag, bho Con-dobharait sa Stòr-dàta Briathrachais Gàidhlig 1993, ach b’e Bun-sgoil Chondobhrait a bhathar mar as trice a’ cur air an sgoil. Thug sinn sùil air an tràchdas aig Peter Drummond (2014).

Dh’aontaich sinn:

  • Gum bu chòr tàthan a bhith sa litreachadh, a shealltainn gur ann air an dàrna lide a tha a’ bhuille.
  • Ged a bhiodh con- a’ dol ’na comh- ann an Gàidhlig an latha an-diugh, tha an t-ainm cho aosta, a’ dol air ais dhan t-Sean-Bhreatnais is dòcha, agus cho doilleir ann an Gàidhlig an latha an-diugh, gum biodh e faoin comh- a sgrìobhadh.
  • Ged a tha e gu math coltach gur e mìr coltach ri dobur san t-Seann-Ghàidhlig, dyfer san t-Sean-Chuimris, dobhar san fhacal dobhar-chù a tha ann an cridhe an ainm, bhiodh e nàdarra an dàrna lide a chall agus -dobhr- a chleachdadh seachas -dobhar-.
  • Gum biodh -aid beagan nas fhearr na -ait aig deireadh an ainm, seach am facal doburnaid san t-Sean-Ghàidhlig, dyfrhad sa Chuimris, agus seach gu bheil -aid nas cumanta na -ait ann an ainmean-àite Gàidhlig.

Mar sin, dh’aontaich sinn air an litreachadh Con-dobhraid.

--Caoimhin (an deasbaireachd) 18:39, 29 dhen t-Sultain 2017 (UTC)[reply]