Comhachag

O Uicipeid

'S e eun anns an òrdugh Strigiformes a tha anns a' chomhachag no cailleach-oidhche.[1]

Bidh a' chomhachag na dùisg tron oidhche , agus bidh i a' nochdadh gu tric ann am beul na h-oidhche is anns a' chamhanaich. Bidh iad a' cur dòigh air fasgadh rè an latha, ann an spiris shàmhach agus gan nighe fhèin, ach chìthear uaireannan iad air iteig ris an latha gheal. Bidh iad a' sealg eòin eile agus luchagan.

Beul-aithris[deasaich | deasaich an tùs]

Bidh a' chomhachag a' nochdadh gu tric ann am beul-aithris. Mar eisimpleir, anns an ràdh seo:

Tha mi nas eòlaich' air coille na bhith fo eagal na caillich'-oidhche.[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. An Seotal: Briathrachas Gàidhlig air-loidhne airson teagasg tro mheadhan na Gàidhlig anns an àrd-sgoil. Leughte 10 Faoi. 2015
  2. Seanfhacail is Seanchas; Iain MacIlleathain agus Maletta NicPhàil, ISBN 0-903960-34-6

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: