Cherbourg-Octeville
O Uicipeid
Cherbourg-Octeville
|
|||||
| Suidheachadh | |||||
| Dùthaich | |||||
| Ceàrn | |||||
| Sgìre | |||||
| Co-chomharran | 49° 38 33' Tuath 01° 37 31′ Ear |
||||
| Feartan fiosaigeach | |||||
| Farsaingeachd | 14.26 km² | ||||
| Àireamh-shluaigh | 39,774 (2008) | ||||
| Dlùths | 2,789.2/km² | ||||
| Àireamh fòn | +33 02 | ||||
| Duilleag oifigeil | http://www.ville-cherbourg.fr | ||||
‘S e baile agus port uabhasach cudromach air an àirde an iar-thuath na Frainge air oirthir a’ Chuain Shiar a th’ ann an Cherbourg-Octeville (IPA: ʃεʁbuʁɔktəvil). Tha e suidhichte ann an ceann a tuath an Doirling Cotentin, aig dìreach 5m os cionn ìre na mara,[1] aig beul na h-aibhne (Fraingis: Rivière) Divette, anns an roinn (Fraingis: Département) Manche. Tha am baile 299km air falbh bho Pharis (Prìomh-bhaile na dùthcha), 540km bho Bhordeaux, 885km bho Mharseille agus 351km bho Lille.[2] Tha 39,774[3] duine a' fuireach anns a’ bhaile. Chaidh am baile (Coriallo) a chlàradh airson a’ chiad turas ann an 365. Nochd an t-ainm Lochlannach Carusburg ann an 1026.
Susbaint |
Daoine ainmeil [deasaich]
- Gille le Hédois (1658): Spuinneadair.
- Lizinska de Mirbel (1796 – 1849): Dealbhadair.
- Georges Sorel (1847 – 1922): Feallsanaiche.
- Victor Grignard (1871 – 1935): Ceimeagair.
- Annie Saumont (1927): Sgrìobhadair.
Bailtean Co-cheangailte [deasaich]
Bremerhaven[4]
Deva[5]
Poole[6]
Iomraidhean [deasaich]
- ↑ Mongabay
- ↑ Distance Calculator
- ↑ INSEE
- ↑ Stadt Bremerhaven
- ↑ Primaria Deva
- ↑ Poole Borough Council