Ceisteachar

O Uicipeid

Tha ceisteachar 'na fhacal-foincsein a chleachdar gus ceist a dhèanamh de dh'abairt, mar eisimpleir ciamar no càit(e).

Tha an dà mhìr ceisteach a(n) agus nach 'nan ceisteacharan sònraichte a ghabhas freagairt le abairtean pòlarach, mar eisimpleir tha/chan eil no chunnaic/chan fhaca.

Gàidhlig[deasaich | deasaich an tùs]

Thathar a' sgaradh ceisteacharan na Gàidhlig ann an dà bhuidheann mòr, an fheadhainn neo-eisimeileach (m.e. ciamar) ach an fheadhainn eisimeileach (m.e. càit). Tha an fheadhainn neo-eisimeileach 'gan leantainn leis a' mhìr dàimheach a agus cruth neo-eisimeileach no dàimheach de ghnìomhair, m.e. ciamar a tha agus ciamar a bhios. Gheibhear cruth eisimeileach dhen ghnìomhair an dèidh a' mhìr eisimeilich, m.e. càit am faca.

Seo liosta dhiubh:

  • riochdair ceisteach
    • (pearsanta)
    • (gu) dè (neo-phearsanta)
  • co-ghnìomhair ceisteach
    • càit(e) (àite, ceann-uidhe)
    • cò às (tùs)
    • cuin (àm)
    • ciamar, dè man, dè mar (dòigh)
    • carson (adhbhar)

Cha ghabh a' mhòrchuid dhiubh an cleachdadh mar mhìrean dàimheach mar a nithear sa Bheurla agus feumar cruthan sònraichte dhiubh a chleachdadh:

  • Ciamar a bha e? vs Seall dhomh mar a nì mi sin
  • Càit a bheil thu? vs Thuit mi far a bheil e

ach

  • Carson a rinn thu seo? vs Innis dhomh carson a rinn thu seo?

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

San t-Seann Ghàidhlig, bha mu 4 ceisteacharan ann, cía (cò), ce, ci (cò), co· (càit) agus cid (dè).

cid[deasaich | deasaich an tùs]

Nochd seo mar ciod sa Mheadhan Ghàidhlig agus mar ciod é 's ciod tá (ge-tà) sa Ghàidhlig choitcheann. Tha e againn sa Ghàidhlig sheann-nòsach mar gu dè agus ge-tà agus le 'na aonar ann an cainnt an latha. Tha 'ga fhuaimneachadh mar /tʲeː/ ann an cuid a dh'àitichean agus mar /t̪eː/ ann an àitichean eile ach 's e /t̪e/ an cruth as sine.

co·[deasaich | deasaich an tùs]

Chan eil co· againn tuilleadh mar "càit" ach ann an aon abairt cheisteach, cò às.

cía (cò) agus ce, ci[deasaich | deasaich an tùs]

Cha robh diofar mòr eadar an dà cheisteachar seo ach gun robh beum air cía agus cha robh beum air ce no ci. Thàinig iad còmhla san aon fhacal cia sa Mheadhan Ghàidhlig.

Dh'èirich iomadh ceisteachar às an uairsin:

  • cia "cò; càit"
  • cia mheud "co mheud"
  • cia úine "cuin"
  • cia mar "ciamar"
  • cia air son "cò air a shon"
  • cia áite "càite"
  • cia bíth "ge brith"

Nochd iad seo sa Ghàidhlig sheann-nòsach mar

  • cia mheud
  • cuine
  • ciamar
  • carson
  • càite
  • cibe "ge brith"

Ann an Gàidhlig an latha an-diugh, chan eil cibe cumanta tuilleadh ach dh'èirich na leanas a bharrachd air càch:

  • co mheud
  • ge b(r)ith

Beurla[deasaich | deasaich an tùs]

Tha cuid mhath dhiubh a' tòiseachadh le wh- sa Bheurla agus leis a sin, canaidh cuid wh- words riutha.

Gabhaidh ceisteacharan a chleachdadh sa Bheurla an dà chuid mar cheisteachar agus mar riochdair dàimheach ann an cuid a dh'abairtean, mar eisimpleir where are you? (ceist) agus the place where you left it (riochdair dàimheach).

Tha mìr ceisteach aig a' Bheurla cuideachd leis an dèanar ceistean yes-no.

Seo liosta dhiubh:

  • dearbhair ceisteach
    • which, what
    • whose
  • pro-form ceisteach
    • riochdair ceisteach
      • who, whom (pearsanta)
      • what, which (neo-phearsanta)
    • pro-cho-ghnìomhair ceisteach
      • where (àite)
      • whence (tùs)
      • whither (ceann-uidhe)
      • when (àm)
      • how (dòigh)
      • why, wherefore (adhbhar)
      • whether (roghainn)