Carbad-smùide

O Uicipeid
Carbad-smuid "Rocket" a chaidh a chruthachadh le Stephenson ann an 1829
Jacobite Steam Train (2003)

Is e carbad-smùide, neo muc-iarainn, an ainm Gàidhealach airson inneal smùid, uidheamaichte le cuibhlichean agus beart mus am bith an comas aice a dh'iomchar a fhèin air rathad nan gàd. Thogadh a' chiad carbad-smuid le Còrnach don b' ainm Richard Trevithick, ann an 1804. Ann an Samhuinn 1829, thug "An Teachdaire Gaelach" iomradh air carbad-smuid a bha air siubhal aig deich air fhichead mile 'san uair, agus a' taruinn treana de ceithir fichead tunna air rathad a bha "uidheamaichte dha". Tha e soillear gun robh cuspair an iomradh an carbad-smuid "Rocket" a rinn a' chuise air gach farpaiseach eile ann an deuchainn aig Rainhill air an Liverpool & Manchester Railway an mìos a' roimhe.

Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: