Càrn-cùl-ri-Èirinn

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
An cnoc as àirde ann an Eilean Ì

'S e càrn a tha air mullach cnuic ann an Eilean Ì a th' ann an Càrn-cùl-ri-Èirinn. Chaidh a thogail an dèidh do Cholum Cille Eilean Ì a ruigsinn bho Èirinn. Nuair a ràinig Colum Cille agus a chompanaich an t-eilean anns a' bhliadhna A.D. 563, dhìrich e an cnoc a b' àirde a bha anns an eilean, 's chunnaic e gun robh e à sealladh Èirinn. Bha de ghràdh aig a dhùthaich, 's nach biodh e toilichte a bhith ga faicinn gun a bhith innte. Rùnaich e a chòmhnaidh a dhèanamh ann an Eilean Ì oir chunnaic e gun robh e so-ruigsinn do na h-eileanan mun cuairt, agus gun robh e na eilean a bha math airson bàrr agus ionaltradh, agus mar sin ro fhreagarrach airson àite tàimh fhoghlamaich agus theachdairean. [1]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Mac-Talla, Lùnastal 18, 1894, Beatha-Eachdraidh Chaluim Chille, Caibideil II.
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NM 283 252