Bùdachas

O Uicipeid
(Air ath-sheòladh o Buddhachd)
Gearr leum gu: seòladh, lorg
USAF Religion Pin 3.svg
Bùdachas
Aois mu 2500 bliadhna
Neach-stèidheachaidh Siddhārtha Gautama
Cànan Cràbhach Sanscrit Pali
Leabhraichean Cràbhach Na Sutra
Sgoiltean Mahayana
Theravada
An Tìr Ghlan
Vajrayana
Zen
Thòisich Na h-Innseachan
Dùthchanan as treasa Flag of Vietnam.svg Bhiet-Nam
Flag of Myanmar.svg Burma
Flag of Cambodia.svg Cambuidea
Flag of Macau.svg Macau
Flag of Mongolia.svg Mongòilia
Flag of Tibet.svg Tibet

'S e creideamh agus feallsanachd a th' ann am Bùdachas (Sanscrit: Bauddha Dharma, बौद्ध धर्म), a chaidh a chur air bhonn leis an neach-teagaisg spioradail, am Buddha. Chaidh Bùdachas a stèidheachadh anns na h-Innseachan uaireigin eadar 600 agus 450 RC, agus anns an latha an-diugh, tha mu 500 millean Buddhach nan còmhnaidh anns gach dùthaich air feadh an t-saoghail.

Creideamh agus Feallsanachd[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Bùdachas stèidhichte air na Ceithir Fìrinnean Urramach:

  • 'S e nàdar ar beatha a th' ann 's gum fuiling sinn.
  • Tha adhbhar air cùl an fhulangais againn.
  • 'S urrainn dhuinn crìoch a chur air an fhulangas againn.
  • 'S e an t-Slighe Ochd-cheumach aig a' Bhùda an rathad do chrìoch an fhulangais againn.

Sgoiltean[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Bùdachas ga roinn ann an dà sgoil mhòr, Theravada, as cumanta ann an Àisia a Deas, Mahayana, as cumanta ann an Àisia a Tuath.

Mahayana[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Mahayana fhèin ga roinn ann am mòran sgoiltean eadar-dhealaichte:

Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: