Braille

O Uicipeid
Neach a' gluasad corrag thairis air Braille

'S e dòigh leughaidh is sgrìobhaidh a chleachdas daoine dalla a tha san t-siostam Braille. Tha gach caractar no cealla Braille na shia ionadan dotaige a tha air an cur ri chèile mar cheart-cheàrnach aig a bheil dà cholbh le trì dotagan anns gach fear. Mar a chì thu taobh clì, bheir sinn iomradh air gach dotag leis na h-àireamhan 1 gu 6.