Blàr Stalingrad

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg

'S e strì fhuilteach eadar a' Ghearmailt agus an t-Aonadh Sòbhiatach a bh’ ann am Blàr Stalingrad. Ghabh e àite anns a' bhaile shòbhiatach Stalingrad, no anns an latha an-diugh Volgograd, agus mhair am blàr bho 21 an Lùnasdal, 1942 gu 2 an Gearran, 1943, mar phàirt dhen Dàrna Chogadh Mhòr.

Tha tòrr den bheachd gur e blàr Stalingrad an tachartas a dh’atharraich cùrsa a' chogaidh anns an Roinn Eòrpa agus chaidh barrachd dhaoine a mharbhadh anns a' bhlàr seo na ann am blàr sam bith eile ann an eachdraidh a' chinne-daonna le còrr is 1.5 millean a' faighinn am bàis. Bha an t-sabaid air leth borb agus chaill iomadach sìobhaltach am beatha agus sgrios ro-mhòr air a dhèanamh air gach ceàrnaidh dhen sgìre mun cuairt air a' bhaile.

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: