Bandar Seri Begawan

As a'Wikipedia

Jump to: navigation, lorg
Bandar Seri Begawan
بندر سري بگاوان
Mosque bsb brunei.jpg
Suidheachadh
Dùthaich Brùnaidh
Co-chomharran 4° 55' Tuath
114° 55 Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd àrd-bhaile: 100.36 km²
Duilleag oifigeil http://www.municipal-bsb.gov.bn/

'S e prìomh-bhaile Brùnaidh a tha ann am Bandar Seri Begawan (Cànan Jawi: بندر سري بگاوان). Tha ainm a’ bhaile a’ ciallachadh: port-mara den riaghladair anns a’ chànan Mhalaidhsianach. Tha am baile suidhichte air bruach na h-Aibhne Brunei.

Is math as t-fhiach an lùchairt Istana Nurul Iman fhaicinn. Tha còrr is 1,800 seòmraichean ann. Tha an lùchairt cho mòr ri 200,000 meatair ceàrnagach agus mar sin dheth 's e seo an luchairt as motha air an t- Saoghail. Chaidh an Omar-Ali-Saifuddin-Moschee a thogail anns a' bhliadhna 1958. Faisg air a’ mhosg tha Kampong Ayer, (Gàidhlig: baile-uisge). 'S e baile a th' ann a chaidh a thogail anns an uisge, coltach ri Venice.

[deasaich] Ceanglaichean a-mach

Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: