Auld Lang Syne

O Uicipeid

'S e seo eadar-theangachadh Gàidhlig den òrain ainmeil aithnichte le Raibeart Burns. 'S ann a nochd an tionndadh Gàidhlig anns an iris-naidheachd Mac-Talla, Dùbhlachd 17, 1892.

An Tìm a bh' ann o chian. (Auld Lang Syne )

An còir seann luchd-eòlais dhol à beachd,
'S gun chuimhn' orra bhith ann?
An còir seann luchd-eòlis dhol à beachd,
'S na làithean a bha ann?

Air sgàth an tìm a bh' ann a rùin,
Air sgàth an tìm a bh' ann,
Gun gabh sinn fhathast cupan tlàth
Air sgàth an tìm a bh' ann.

Bha sinne còmhla feadh nam bruach
A tionail neòinean annt',
Ach 's sgìth air seachran ceum ar cas
Bho'n tìm o chian a bh' ann.

Bu tràth is anmoch sinn san allt
Ag iomair 's sinn nar clann,
Ach dhealaich cuantan farsainn sinn
Bho'n tìm o chian a bh' ann.

Mo charaid earbsach gabh mo làmh,
'S sìn fhèin do làmh a-nall,
'S gun gabh sinn, cuach gu crìdheil làn
Air sgàth an tìm a bh'ann.

Gu cinnteach 's leat do bharail fhèin,
'S mo bharail fhèin tha leam-s',
'S gun gabh sinn cupan caoimhneil làn
Air sgàth an tìm a bh' ann.

M. MACRATH, Ottawa.

Tha dreach nas ùire fo thiotal "Air Sgàth nan Iomadh Linn" leis an t-Urr Ruairidh MacDhomhnaill ann:

An còir an càirdeas dhol air dìth,
‘S a leigeil as ar cuimn’?
An còir an càirdeas dhol air dìth
Air sgàth nan iomadh linn.

Séist

Air sgàth nan iomadh linn, a ghaoil,
Air sgàth nan linn a dh’fhalbh,
Gun gabh sinn cupan coibhneas blàsd’
Air sgàth nan linn a dh’fhalbh.

Is agad-sa biodh cupan làn
Is agam-sa, mi-fhìn,
Is òlar cuach an aoibhneas ait
Air sgàth nan iomadh linn.

Nach tric a ruith sinn air na cnuic,
A’buain nan neòinean grinn,
Ach ‘s iomadh ceum a rinn sinn streap
Bho àm nan iomadh linn.

Gur tric a ghrunnaich sinn san t-struth,
Bho mhaduinn gu àm-bìdh,
Ach eadrainn bhùirich iomadh muir
Bho àm nan iomadh linn.

Seo dhut mo làmh, mo charaid fìor,
‘S do làmh-sa thoir dhomh-fhìn,
Is òlaidh sinn gu ghrunnd a’ chup’
Air sgàth nan iomadh linn.

Ceangal a-mach[deasaich | deasaich an tùs]