An t-Impireachd Bheasantian

O Uicipeid
Βασιλεία Ρωμαίων


Impireachd (Beasantian) an Ròimh


(Bratach an Impireachd anns na linntean mu dheireadh)

(An samhaltan ìmpireil)

An t-Impireachd Bheasantian aig an ìre is cùmhachdach c. 550.
Chaidh talamhan purpaidh fo cheannsail fo riaghail Justianian I.
facal-suaicheantais:
Βασιλεύς Βασιλέων Βασιλεύων Βασιλευόντων
(Greek: "Rìgh nan Rìgh a riaghladh tarsainn Uachdaran")[feum air teisteanas]
Cànain Oifigeil Greugais (còmhla-ri Laideann anns na linntean thràth)
Prìomh-bhaile Constantinople
Creideamh Oifigeil Crìosdaidheachd Ghreugach
Ceann na Stàite Impire
Ceann an Riaghaltas Megas Logothetes, agus nas fhadalach Megas Doux
Ceannsal Seanaid Beasantian, shuas ris an 13mh linn
Àrainn
 - Gu Leir

 - % Uisge

2.7 millean cm² aig an ìre is motha
 ?%
Sluagh ca. 34 millean naur a chaidh a stèidheachadh anns an 4mh linn
Stèidheachadh Gu tradiseanta le stèidheachadh Constantinople mar prìomh-bhaile Impireachd an Ròimh 11 an Ceitean, 330 AC
Crìoch Nuair a ghlach Impireachd nan Otomanach Constantinople air an 29 den Cheitean, 1453 AC
A Chiad Impire Constantine Mhòr (306 - 337 AC)
Impire mu dheireadh Constantine XI (1449 - 1453 AC)
Airgead Solidus, Hyperpyron
edit

'S e An t-Impireachd Bheasantian (ainm Greugach: Βασιλεία τῶν Ρωμαίων - Basileia tōn Romaiōn), gu tric dìreach Beasantian no 'sa Bheurla "Byzantium", an t-ainm a tha againn mar is àbhaist (bhon an 19mh linn) air Impireachd Earrach an Ròimh anns an t-Aois Mheadhanach. Tha an Impireachd sònraichte agus air leth bho Impireachd an Ròimh (ann an taobh a Siar na Roinn Eòrpa) oir bha e air a shocrachadh air Constantinople agus 's e Greugais, seach sean Laideann, an cànan a bha na h-uaislean, an riaghaltas agus a mhòr-chuid den t-sluagh a cleachdadh. Ged a tha an Impireachd seo leantainneach, a-rèir riaghaltas agus stèidheachadh co-dhiù, ri Impireachd an Ròimh ann an taobh siar a Roinn Eòrpa bi daoine a dèanamh eadar-dhealachadh eadarra mar is tric oir gu bheil iad atharraichte ann an iomadh dhoimh a-rèir aois, cànan agus dualchas. Chaidh ainmeachadh mar "Impireachd nan Greugaich" airson a chuid mhòr de bheatha anns an Roinn Eòrpa mar is coireach ri cho cumhachdach 'sa bha an t-sluagh agus dualchas Greugach ann.

Chan eil co-aonta ann mu cuin a thòisich an aois Bheasantian. Bi feadhainn ga cheangail ri riaghail an t-Impire Diocletian (284-305), a chruthaich iomadach atharrachan anns an riaghaltas agus 'sann mar seo a chaidh Impireachd an Ròimh a ghearradh ann an dà leth; pars Orientis (an leth Earrach) agus pars Occidentis (an leth Siarach). Tha feadhainn den bheachd gur e Constantine I a chiad Impire Beasantian. Bi feadhainn a cuir toiseach an Impireachd sònraichte ann an riaghail Theodosius I (379-395) agus le buaidh Chrìosdaidheachd tarsainn air an Creideamh Romanach, air a neo a leantainn a bhàs ann an 395 leis an dealachadh den Impireachd. Tha buidhean eile ann a bhios ga cheangail ri 476 oir gur ann 'sam bliadhn' ud a leig an Impire mu dheireadh san Iar, Romulus Augustus, às a dhreuchd agus mar sin a fàgail an cumhachd ìmpireil le Impire an Ear a-mhàin. Tha aon beachd eile ann gur e ath-chruthachadh an Impireachd ann an aois Heraclius (mu 620) nuair a fhuair Greugais inbhe mar cànan oifigeil agus a chuid mhòr chogadh agus strì ris an robh an Impireachd ceangailte a gabhail àite 'san Ear. Gun diofar de am beachd a ghabhas neach, chaidh an atharrachadh air adhart beag air bheag agus an 330, nuair a stèidhich Constantine prìomh-bhaile ùr airson an impireachd na ainm fhèin - Constantinople, bha cumhachd an cànan agus cultar Greugach a sgaoileadh (Hellenization 'sa Bheurla) mu tha.