Alan Turing
| Alan Mathison Turing | |
| Fiosrachadh | |
| Rugadh | Lunnainn 23 an t-Ògmhios 1912 |
| Bàs | Wimslow 7 an t-Ògmhios 1954 |
| Roinn Obrach | Coimpiutairean, Matamataig |
| Linn | 20mh Linn |
| Dùthaich | Sasainn |
Alan Mathison Turing (23 an t-Ògmhios 1912 - 7 an t-Ògmhios 1954), dh'aithneachear mar “athair” coimpiutairean digiteach. B' e neach-matamataig agus eòlaiche choimpiutairean a bh' ann. Leasaich e an smaoin air Inneal Turing, siostam nan riaghailtean agus nan coir, ann an 1936. Chruthaich e an Deuchainn Turing, nuair a tha coimpiutair a' feuchainn nochdadh mar duine ri duine. Air feadh An Dàrna Cogadh b' e còd-cnacair a bh' ann an Turing. Dh'obair e aig Pàirc Bletchley ann an Sasainn agus bhrist e an Inneal Enigma aig na Gearmailtiche.
Thugadh coimhearsnachd agus riaghaltas Bhreatainn droch cheann do Thuring air sgath 's gu bheil e co-sheòrsachd. Ann an 1952, chiontaich e airson cleamhnas a dhèanamh le fear. Bha roghainn aige eadar prìosan no spoth ceimigeach. Thagh e spoth. B' e buaidh an spoth neo-chomas agus dh'fhàs uchdan air. As dèidh dà bhliadhna a' fuireach leis na buaidhean sin, thug Turing ùthachd dha fhèin. Ann an 2009, ghabh Prìomh Mhinistear na Breatainne, Gordon Brown, a leisgeul ri teaghlach Turing airson a làimhseachadh[1].