Al Pacino

O Uicipeid
Gearr leum gu: seòladh, lorg
Al Pacino ann an Venice san t-Sultain 2004

Tha Al Pacino (Eabhraig Nuadh, 25 an Giblean 1940)[1] na chleasaiche ainmeil Ameireigeanach, a dh'fhàs cliùteach as dèidh sreath de dh'fhilmichean mìorbhaileach aig tòiseach nan 70an, Dog Day Afternoon, Serpico, ach gu h-àraidh The Godfather, far an do chluich e Micheal Corleone. Chluich e Micheal da uair eile anns The Godfather Part II agus The Godfather Part III.

Ged a tha cliù aige mar fear dhe na cleasaichean as fheàrr a bha ann a-riamh, agus bha e air a mholadh sia tursan airson Duais an Acadamaidh, cha d' fhuair e greim air 'Oscar' gus 1991 airson Scent of a Woman far an do chluich e seann saighdear dall.

As dèidh Revolution ann an 1985, film èiginneach mu dheidhinn Cogadh Neo-Eisimeileachd nan Ameirgeanach, sguir e dheth filmaichean a dhèanamh. Ach thill e anns na 90an, far an do nochd e ann an sreth de dh'fhilmichean, 's ged nach robh iad cho math ris a' chuid a rinn a chliù anns na 70an, dhearbh iad àite Phacino mar chleasaiche chudtromach.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. IMDB
Commons-logo.svg
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: