Afon Dyfrdwy
Is i Afon Dyfrdwy an abhainn bu mhor ann an Gogledd Cymru (Tuath a' Chyrmu), tha i a'doirteadh a-mach a Lynn Tegid, an loch nadurra bu mhor 's an duthaich, mu deidhinn mile gu deas a Bala agus a' sruthadh chun ear le rathad Corwen agus Llangollen gu Ruabon, far a bheil i a' treigsinn na beanntan agus a' tionndadh dhan a thuath. Airson an cuid bu mhor de a cursa eadar Ruabon agus Y Caer (Chester) tha an abhainn na crioch eadar Cymru agus Sasainn. Tha cairidh aig Chester, a bha na Port ann an linn na Sacsonaich a' comharrachadh ceann sail Dyfrdwy. Fo Caer, tionndaidh cursa na h-Aibhne a-rithis, chun iat-thuath agus theid i sios eadar bruaichean cladhaichte thairis raon oirtireil chun drochaid bu isle aig (Aiseag na Ban-righinn) a sruthadh seachad clachan aois-mhor Shotwick air a bruaich Sasunnach agus baile Fflint air a bruaich Cuimreaich thig i chun a linn a dh'fhosgaileas a mach gus am bith e a'coinneachadh a' mhuir fhosgailte eadar Rubha Aer agus West Kirby.
Chan eil ach aon Port air an Dyfrdwy 's an latha an diugh. Mostyn, ann an Siorrachd Fflint. Ged nach eil cala Mostyn domhain gu leor airson luing nas motha na 2,000 tunna, tha utraidean rathad-iarainn ga frithealadh agus tha am bathair a bhitheas a' trachadh tron phort a' gabhail a-steach lannan stailinn cuibhlichte.