B’ e dùthaich bheag neo-eisimeileach air an àirde an iar na Gearmailte a mhair dìreach seachd bliadhnaichean bho 1806 agus 1813 a bh’ anns an Àrd-diùcachd Bherg neo Àrd-diùcachd Kleve agus Berg (Gearmailtis: GroßHerzogtum Berg/GroßHerzogtum Kleve und Berg).[1] Chaidh a chruthachadh ri linn atharrachadh mòr a rinn Napoleon Bonaparte air structair phoileataigeach na Gearmailt a thaobh Co-chaidreachas na Rèine,[2] an dèidh dha chur às do dh' Ìmpireachd Naomh na Ròimhe. Chleachdadh na Frangaich Àrd Dhiùcachd Bherg mar mhodal a thaobh leasachaidhean riaghlaidh airson a' Cho-chaidreachais air fad.[3] B’ e Düsseldorf a bh’ ann prìomh-bhaile na dùthcha agus b' e ceannardan na Frainge a bha os a cionn.[4]