Vigdís Finnbogadóttir

O Uicipeid
Vigdís Finnbogadóttir
4. Ceann-suidhe Innis Tìle

1 dhen Lùnastal 1980 - 31 dhen Iuchar 1996
Kristján Eldjárn - Ólafur Ragnar Grímsson
Beatha
Breith Reykjavík, 15 dhen Ghiblean 1930
Dùthaich  Innis Tìle
Foghlam
Foghlam Faculty of Arts of Paris (en) Translate
Oilthigh Innis Tìle
Oilthigh Copenhagen
Joseph Fourier University (en) Translate
Cànain Innis Tìlis
Beurla
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs
Fastaichean Na Dùthchannan Aonaichte
Duaisean a fhuaras
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Sjálfstæðisflokkurinn

'S e neach-iomairt, neach-teagaisg agus neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann am Vigdís Finnbogadóttir (ˈvɪɣtis ˈfɪnpɔɣaˌtouʰtɪr̥).[1] Rugadh e air 15 an Giblean 1930 ann an Reykjavík. Fhuair Finnbogadóttir a chuid foghlaim sgoile aig Menntaskólinn í Reykjavík agus an uair sin thug e ceum ann an Fraingis agus Litreachas bho Oilthigh Grenoble agus Oilthigh Paris (Sorbonne) bho 1949 gu ruige 1953, eachdraidh dràma bho Oilthigh Copenhagen agus an uair sin rinn i BA ann am Beurla, Fraingis agus foghlam bho Oilthigh Innis Tìle. Phòs aig Ragnar Ottó Arinbjarnar ann an 1954 ach dhealaichte iad ann an 1961.[2] Dh'uchd-mhacaich i nighean, air a bheil Ástríður Magnúsdóttir, a rugadh ann an 1972. B' e Finnbogadóttir a' chiad thè dhealaichte a rinn uchd-mhacadh ann an eachdraidh na dùthcha.[3] Chuir Finnbogadóttir bliadhnaichean ag obair ann an turasachd agus 's i a chuir air dòigh a' chiad cùrsa trèanaidh airson luchd-iùil turasachd. Bha i cuideachd na thìdsear Fraingis aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Menntaskólinn við Hamrahlíð fad na 60an.[4] Bha i gu tur an aghaidh bhallrachd NATO Innis Tìle agus dhèanadh i iomairt fad bliadhnaichean. Ann an 1975 ghabh ise pàirt ann an stailc nam ban (Innis-Tìlis: Kvennafrídagurinn) airson bhoireann-dhligheachais agus co-ionannachd.[5] Chaidh a thaghadh dhan cheannas ann an 1980, an dàrna thè san t-sabhal a fhuair a leithid dreuchd agus a' chiad neach-dealaichte cuideachd. Tha i na tosgair UNESCO a-nis.

Taghaidh dhan Cheannas[deasaich | deasaich an tùs]

Chaidh a thaghadh dhan cheannas ceithir tursan. Seo na torridhean a fhuair i:

Bliadhna Bhòtaichean %
1980 43,611[6] 33.8%
1984 Cha do sheas duine sam bi na h-aghaidh
1988 117,292 92.7%
1992 Cha do sheas duine sam bi na h-aghaidh

Prìomh-mhinistearan fo Fhinnbogadóttir[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Finnbogadóttir na ceann-suidhe fad sia bhliadhna deug agus bha ceathrar prìomh-mhinistear, a riochdachadh dà phàrtaidh foipe fad 's a bha i san dreuchd, mar a leanas:

Ro-theachdair:
Kristján Eldjárn
(1980)
Forseti Íslands
Neach-ionlaid:
Ólafur Ragnar Grímsson
(1996)

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Skemman
  2. Morgunblaðið
  3. Iceland Magazine
  4. Vigdís
  5. Sagnir
  6. Kosningasaga

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]