Vera Lynn
Vera Lynn | |
---|---|
Beatha | |
Ainm slàn | Vera Margaret Welch |
Breith | East Ham (en) , 20 dhen Mhàrt 1917 |
Dùthaich | Rìoghachd Aonaichte |
Ciad chànan | Beurla |
Bàs | Ditchling (en) , 18 dhen Ògmhios 2020 |
Àite-adhlacaidh | The Parish Church of St Margaret, Ditchling (en) |
Foghlam | |
Foghlam | Brampton Primary School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | actair film, seinneadair, seinneadair is sgrìobhaiche, fèin-bheatha-eachdraiche, recording artist (en) , actair agus lyricist (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Gnè ealain | ceòl fèillmhor |
Inneal-ciùil | guth |
Taigh-clàraidh |
EMI (en) His Master's Voice (en) Decca Records (mul) London Recordings (en) |
IMDb | nm0528822 |
'S e seinneadair a th’ ann am Vera Lynn (1917-2020) is bha an far-ainm The Forces' Sweetheart (leannan nam feachd) oirre anns an Dàrna Cogadh. Nuair a ruig i ceud bliadhna a dh’aois ann an 2017, chaidh a co-là breith a chomharradh nuair an deach dealbh a h-aodann ’s i òg a cruthachadh le solais air Bearradh Geal Dover air an oidhche sin.
Beatha na h-òigridh
[deasaich | deasaich an tùs]Rugadh i ann an 1917 ann an East Ham, Lunnainn an Ear, 20 dhen Màirt 1917 is bha an t-ainm Vera Margaret Welch oirre. Thòisich i a’ seinn air an àrd-ùrlar nuair a bha i seachd bliadhna a dh’aois. Sheinn i air ann rèidio a chiad thuras ann an 1935. Thagh i an t-ainm “Lynn” airson an obair aice na seinneadair proifeiseanta.
Obair
[deasaich | deasaich an tùs]Anns an Dàrna Cogadh bha prògram rèidio is bha i a’ craoladh airson an armailt Breatannach a bha a’ sabaid thall thairis. Rinn i tòrr turasan thall thairis cuideachd airson a bhith a’ seinn air an làrach airson an fheachd Bhreatannaich.
Bha tòrr dhaoine measail oirre air feadh a’ chùrsa-obrach aice. Bha i anns na “charts” gu tric.
Tha “We’ll Meet Again”, “The White Cliffs of Dover”, “A Nightingale Sang in Berkeley Square” agus “There’ll Always be an England” am measg nan òrain aice as ainmeile.
Thàinig CD ùr a-mach ann am Màirt 2017 le cuid de na h-òrain aice, trì là ron a co-là breith, agus dòchas ann gum briseadh e clàr nan curaidh airson an duine as sinne (fhathast beò) aig a bheil albam am measg an fhichead albam as motha reic. Agus cò aig a bhiodh an clàr a bhiodh i a’ briseadh ach aig Vera Lynn fhèin. Bhuannaich i an clàr seo, a’ chiad thuras, ann an 2014 leis an albam “National Treasure – Ultimate Collection”. Bha i 97 bliadhna a dh’aois aig an àm sin.
Thuirt i gum b’ fhearr leotha cuimhnicheadh an guth aice nuair a bha i òg. Ach, thuirt i cuideachd gu bheil i glè thoilichte 100 bliadhna a dh’aois a ruigsinn agus gur e 'an incredible adventure of song, dance and friendship' a th' ann.
Chaochail i ann an 2020 is i 103 bliadhna a dh'aois.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Laing, Dave: “Dame Vera Lynn obituary”, The Guardian. 18mh dhen Ògmhios 2020. Air a thogail 23mh dhen Ògmhios 2020.