Trá Mhór
'S e baile turasach ann an Siorrachd Phoirt Làirge a th'ann an Trá Mhór (Tràigh Mhòr). 'S e cuideachd frith-bhaile de Poirt Làirge a th'ann. Tha e air shuideachadh ann am bàgh eadar na cinn-tìre Newtown agus Brownstown. Aig an deireadh den ceann-tìre Newtown, tha ìomhaigh meatailt, air far-ainmeachadh am Metal Man. Faisg air a shin, tha dà òban shnàmh: Òb Newtown agus an Guillamene. O chionn bhliadhnachan, cha b' urrain ach fir a' snàmh san Guillamene.
Aig cùl an tràigh sear tha lagùn, le dùin-ghainmhich ga sgaradh bhon mhuir. Air an tràigh siar tha am Prom, far a' bheil buithdean, taighean-bìdh, cafaidhean, agus sgoiltean airson surfadh. 'S e aon de na phrìomh làraich airson surfadh ann an Èireann a th'ann an Trà Mhòr. Cuideachd, tha fèis leis an ainm na Amusements a dh'fhosgladh gach shàmhraidh le rolair-còrsairean, geamaichean is a leithid.
Chaidh a' phàirt de Trà Mhòr a' tha air Chnoc Newtown air far-ainmeachadh T4 (Tramore 4) mar fealla-dhà a' togail as an Earrann Còd-phuist D4 (Dublin 4) tha an dà dheotha àitean saidhbhreachail. Chaidh sanas-fàilte air chur suas a leugh Welcome to Tramore 4 ach bha e air ghabhail sìos leis a' chomhairle.