Tost na dà mhionaid
Coltas
'S e an t-aonamh là deug den t-Samhain, latha sònraichte an "t-Seasaimh Airm," an latha agus an uair air an do sguir gu h-obann, ann an 1918, an cogadh a bu mhotha, agus a bu sgriosaichte a bha riamh air an t-saoghal. Air mullach na mionaid, agus aig aon uair deug, uair an uaireadair ro mheadhan-latha, bha crìoch air a' Chogadh Mhòr agus thathar fhathast a' cumail cuimhne air an latha ud mar phàirt de Latha a' Chuimhneachain ann an àiteachan poblach san Rìoghachd Aonaichte agus ann an dùthchannan a' Cho-fhlaitheis. Thathar a' cumail tost na dà mhionaid air Dìdòmhnaich a' Chuimhneachain, aig 11m cuideachd.