Jump to content

Torgny Lindgren

O Uicipeid
Torgny Lindgren
9. seat 9 of the Swedish Academy (en) Translate

20 dhen Dùbhlachd 1991 - 16 dhen Mhàrt 2017
Ture Johannisson (en) Translate - Jayne Svenungsson (mul) Translate
Beatha
Breith Norsjö, 16 dhen Ògmhios 1938
Dùthaich  An t-Suain
Bàs Rimforsa (en) Translate, 16 dhen Mhàrt 2017
Nàdar a’ bhàis adhbharan nàdarra (aillse na stamaig)
Teaghlach
Clann
Foghlam
Cànain Suainis
Dreuchd
Dreuchd sgrìobhadair agus film screenwriter (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd An Acadamh Shuaineach
Neach-fànais
IMDb nm0511867

'S e sgrìobhadair às an t-Suain a tha ann an Gustav Torgny Lindgren. Rugadh e ann an Norsjö anns an sgìre Västerbotten ann an 1938.

Chaidh a thogail ann an teaghlach mòr. Thuirt e fhèin gun thug sin buaidh mhòr air an stoidhle sgrìobhaidh aige, gu h-àraidh na seann sgeulachdan a chuala e bhon a sheanmhair: "Bha i daonnan ag innse sgeulachdan gu slaodach, fhad 's a bha an teaghlach na shuidhe còmhla timcheall oirre. Cha do chuir dad sam bith stad oirre na dubh oidhcheannan fada a lìonadh le teacsaichean às a Bhìobaill, sgeulachdan às a beatha is beul-aithris nan sinnsirean... Tha an t-seanchas leis an deach mo thogail na phàirt mo bheatha". Fhuair e teisteanas teagaisg bhon Institiud Trèanaidh Umeå.

Ged a thòisich e sgrìobhadh bàrdachd is sgeulachdan bho 1965 a-mach 's e "Ormens väg på hälleberget", (Slighe na nathrach) a' chiad leabhar a bha soirbheachail. Tha an leabhar seo a' cluich ann an Västerbotten, an sgìre far an do rugadh e. Tha e a' dèiligeadh ris an aintighearnas anns an 19mh linn an aghaidh muinntir a bha a' fuireach air an dùthaich ann an ceann a tuath na Suaine. Chleachd Lindgren stoidhle dìreach làn dual-chainnt is abairtean agus ceanglaichean chun a' Bhìobaill. Chaidh an leabhar fhoillseachadh ann an 1982 agus rinn Bo Widerberg film dheth.

Canar gur e "Merabs skönhet" (Bòidhchead Mherab), cruinneachadh de sgeulachdan goirid, an leabhar as fheàrr aige.

Clàr-leabhraichean

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]