Tomás Cipriano de Mosquera

O Uicipeid
Tomás Cipriano de Mosquera
1. Ceann-suidhe Choloimbia

14 dhen Chèitean 1863 - 8 dhen Ghiblean 1864 - Manuel Murillo Toro
4. Ceann-suidhe Choloimbia

22 dhen Chèitean 1866 - 1 dhen t-Samhain 1867
José María Rojas Garrido - Joaquín Riascos
Beatha
Ainm slàn Tomás Cipriano Ignacio María de Mosquera y Arboleda
Breith Popayán, 26 dhen t-Sultain 1798
Dùthaich  Coloimbia
Bàs Purace, Cauca (en) Translate, 7 dhen Dàmhair 1878
Teaghlach
Athair José María de Mosquera y Figueroa
Clann
Bràithrean ⁊ peathraichean
Foghlam
Foghlam Oilthigh a' Chauca
Cànain Spàinntis
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, stàitire agus dioplomat
Ìre oifigeach coitcheann
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Pàrtaidh Libearalach Choloimbia

B’ e Tomás Cipriano de Mosquera y Arboleda ( Popayán, 26mh an t-Sultain 1798 - Popayán, 7mh an Dàmhair 1878) saighdear, neach-poileataigs, leasachair agus rìochdaire dioplòmasach à Coloimbia,[1] a bha na Cheann-suidhe Poblachd Ghranada Ùr eadar 1845 agus 1849 agus na Stàitean Aonaichte Choloimbia eadar 1861 agus 1864 agus bho 1866 gu ruige 1867. Thathar a’ tagradh gur e fear dhe na figearan na bu chudromaiche ann an eachdraidh Choloimbia rè na 19mh Linne.[2][3]

Cùrsa Beatha fo Armaibh agus anns a’ Poileataigs[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh e ann am Popayán 26mh an t-Sultain 1798. ‘S e mac an uachdaran-fearainn beartach José María Mosquera y Figueroa, agus María Manuela Arboleda y Arrechea a bh’ann, agus le sin bha e na bhall fear dhe na teaghlaich na bu chliùitiche na dùthcha rè na 19mh linne. Fhuair na triùir bhràithrean aige (Joaquín, Manuel José agus Manuel María) an cuid chliù cuideachd. Nan òige, ann an 1814, thoisich e ann an iomairt an saorsa, fon Sheanailear Simón Bolívar. Fhad ‘s a bha e na leas còrnaileir, ann an 1824 shabaid e an aghaidh na Guerrilla aig an Tùsanach rìoghaire Agustín Agualongo, ann am Barbacoas, Nariño, far an d’ fhuair e peilear a chaidh dìreach bho thaobh gu taobh tron bheul, is leig sin athailt anns an aghaidh: an a dhèidh bhiodh e doirbh dhàsan bruidhinn is air sgàth sin fhuair e am far-ainm "Mascachochas". Chaidh e a dh’ àrdachadh gu còrnaileir airson a chuid obrach ghaisgeil agus thoisich a bhith os cionn an Riaghaltais ann an caochladh cheàrna ann an ceann an iar-dheas na dùthcha: (Buenaventura, Guayaquil, Cauca) ach aig an aon àm lean e air mar shaighdear ainmeil, is chaidh e a dh’ainmeachadh na Sheanailear ann an 1829.

Ged nach do choileanadh e cùrsa ionnsachaidh sam bith aig an oilthigh Cauca, ‘s e duine gu math foghlamaiche ann an Laideann, Beurla, Fraingis agus Eadailtis a bh’ann, agus fiù’s thoisich e eadar-theangachadh dhe Tasso nan òige.[4] A bharrachd air sin, theagaisg e matamataig aig an oilthigh cuideachd.[5]

Bha e na sheòltaire ann am Pearu (1829 - 1830), ann an caochladh dhùthaich na Roinne Eòrpa agus anns na Stàitean Aonaichte (1830 - 1833). Nuair a thill e bha e na bhall a’ mhòr-dhail (1834 - 1837) agus an Riaghaltas nan Tòraidh aig José Ignacio de Márquez Barreto: chaidh Mosquera a dh’ainmeachadh rùnaire a’ Chogaidh agus le sin stiùir is bhuannaich e Cogadh nan Àrdanach ann an 1840. An uair sin bha e an sàs anns an dioplòmasaidh mar thosgair ann am Pearu, an t-Sile agus Boilibhia eadar 1842 agus 1845.

A’ Chiad Cheannas (1845 – 1849)[deasaich | deasaich an tùs]

Thug a’ Bhuidheann Ministreachd taic dha Mosquera airson an taghaidhean dhe 1845 (na Tòraidhean anns na bliadhnachan ri teachd), is bha esan ga thaghadh. Seo na rudan a lorg a’ chiad Riaghaltas aige:

  • Chaidh an eaconamaidh a dh’fhosgladh chun a’ mhalairt eadar-nàiseanta; rèitich iad an Còrdadh Mallarino-Bidlack airson Sìth, Càirdeas, Luingearachd agus Malairt còmhla ris na Stàitean Aonaichte ann an 1846.
  • Còmhla ri Rùnaire a’ Mhaoineachaidh Florentino González, b’ urrainn dhàsan mòran chìsean co-àiteachail a chuir às, is le sin ath leasaich iad gnìomhachas an tombaca.
  • Chaidh an siostam meatrach deicheil a steidheachadh anns an dùthaich.
  • Thoisich e poileasaidh dhe sgaradh eadar an Stàit agus an eaglais Chaitligeach.
  • Rèitich e na h-obraichean airson am Pàrlamaid Nàiseanta a thogail.
  • Chaidh a’ chiad chunntas-sluaigh nàiseanta ann an eachdraidh Choloimbia a dhèanamh.
  • Bhrosnaich e na bàtaichean-smùid air an Magdalena.

Fhuair na poileasaidhean aige fìor dhubh chàineadh bho na daoine a thug taic dhàsan airson an ceannas fhaighinn, agus bha e a-nis na bu fhaisge air a’ Phàrtaidh Libearalach. Nuair a chrìochnaich an teirm aige chaidh e gu Eabhraig Nuadh airson gnìomhachas an teaghlaich a dhèanamh agus steidhich e companaidh malairt eadar-nàiseanta.

An dèidh corra bhliadhna anns na Stàitean Aonaichte, thill Mosquera ri sabaid an aghaidh ar-a-mach na luchd-Cheàirde agus an deachdaire José María Melo a chuir às a’ chathair ann an 1854. An uair sin, ri taobh nan Libearalach gu lèir, thug e pàirt anns a’ mhòr-dhail mar riochdaire agus seanadair agus bha e na thagraiche airson a’ chinneas ann an 1857, fhuair e an treas àite ri chùlaibh an Tòraidh Mariano Ospina Rodríguez agus fear Libearalach raideagach (a chuir am feadaraileas na dùthcha an cèill, a-nis fon ainm Co-chaidreachas Ghranada). Chaidh e a thaghadh ceann-suidhe stàit a’ Chauca, is leis an dreuchd sin thionndaidh e gu bhith os cionn na luchd-dùbhlain an aghaidh a’ chinn-suidhe Ospina, nach onarachadh fèin-riaghladh na stàitean.

Cogadh Sìobhalta dhe 1860 - 1862[deasaich | deasaich an tùs]

Ann an 1860 chuir e naomh-thrèigsinn a’ Chauca an cèill agus rinn e glaodhach a’ chogaidh an aghaidh a’ cho-chaidreachais. An ceann greiseag fhuair e taic bho na stàitean Santander agus Tolima, a dh’ainmich iad Riaghladair e, agus an ceann bliadhna is beagan, b’ urrainn dhàsan na Tòraidhean a chur a-mach às an riaghaltas, agus an uair sin bha e fhèin na cheann-suidhe eadar-amail na dùthcha. Ghairm e Co-chruinneachadh Bun-Reachdail, a thug àite ann an Rionegro ann an 1863. Chuir e an comhstrìtheach Tòraidh aige às a’ chathair agus thug e an riaghaltas fo làimhe. Ghairm an Seanalair Leonardo Canal González gur e esan a bha os cionn an Riaghaltais, ach theich e thall thairis.

Darna agus treas Cheannas (1861-1864)[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an darna teirm aige anns a’ chinneas (18611863), dh’fhoillsich e sreath dhe àithntean airson neart na Eaglaise Chaitligeach a chur fo smachd, gu h-àraidh arfuntachadh an earrais làmh mharbh (mortmain), le sin chaidh oighreachdan na h-eaglaise ga toirt air falbh, gus a bhith gan reic an uair sin ann an rop poblach; a bharrachd air sin chuir e an Comann Iosaid a-mach às an dùthaich.

Chaidh na sgaraidhean eadar na radaigich (le Manuel Murillo Toro os an cionn) agus an fheadhainn aig Mosquera uabhasach follaiseach aig a’ Cho-chruinneachadh ann an Rionegro, (a bha loma-làn dhe Libearalaich). Ach chaidh bun-reachd gu math feadarail libearalach a rèiteachadh co-dhiù, a bheireadh barrantas dha còirichean nan saoranach agus a thaitinn gach uile ball a’ co-chruinneachaidh. A bharrachd air sin, chaidh Mosquera a thaghadh airson a’ chiad dhà bhliadhna riaghaltas na Stàitean Aonaichte Choloimbia a choileanadh, gu ruige 1 an Giblean 1864.

Anns an treas teirm aige, b’ fheudar dhàsan a chur an aghaidh cogadh còmhla ris an Eacuador: bha esan fhèin os cionn na feachdan Coloimbianach, agus fhuair e buaidh dheireannach aig Blàr Cuaspud ann an Dùbhlachd 1863. Nuair a leig e an ceannas chaidh e gu Paris mar thosgair.

Ceithreamh Ceannas (1866 - 1867), leigeil seachad agus bàs[deasaich | deasaich an tùs]

Thill Mosquera buadhmhor dhan dùthaich ann an 1866 is chaidh e a thaghadh mar cheann-suidhe airson an ceithreamh turas aige, a dh’aindeoin dùbhlain nan Libearalach raideagach. Ach bha am Pàp a’ dol san eadraiginn gu dlùth air sàilleabh an fhrionais a bh’ann taobh làimhseachaidh dàimhean leis an eaglaise, agus leis gu robh an ceann-suidhe ga ghiùlain mar dheachdaire (dhùin e am mòr-dhail ann an Giblean 1867) rud a spreag na luchd-dùbhlain ga chur às a’ chathair 23mh an Cèitean 1867, agus an latha ud sin chaidh e a chur an greim le buidheann dhe shaighdearan fon chòrnaileir Daniel Delgado París agus le sin b’ urrainn dhan Sheanailear Santos Acosta Castillo, a bha os cionn na feachdan armachd aig an àm, an riaghaltas a thoir fo làimh.

Bha e na fhògarrach thall thairis fad trì bliadhna ann an Lima. Nuair a thill e ann an 1871 sheas e chun a’ chinneas gun shoirbheachas, ach chaidh e a thaghadh ceann-suidhe a’ Chauca gu ruige 1873. Ann an 1876 fhuair e àite anns an t-Seanaidh. Bhàsaich e aig 80 bliadhna a dh’aois air an oighreachd aige ann an Coconuco, faisg air Popayán. Tha an duslach aige na laighe ann an Teampall nan Curaidh (Panteón de los Próceres)) ann am Popayán, còmhla ris a’ mhòr-chuid dhe na daoine ainmeil a rugadh anns a’ bhaile.

Teaghlach agus beatha pearsanta[deasaich | deasaich an tùs]

A’ leantainn na cleachdaidhean àbhaisteach a riaghladh giùlan nam morair aig na linntean sin, phòs Mosquera a cho-ogha Mariana Arboleda y Arroyo ann an 1822. Cha robh am pòsadh sin uabhasach sona agus tha fios againn gum faigheadh Mosquera coinneachaidhean gu tric le mòran mhnathan rè a bheatha. Fhuair e cloinne le mòran dhuibh agus thug e an sloinneadh aige chun a’ mhòr-chuid. Fhuair e dithis chloinne leis a’ chiad bhean aige, Mariana: Aníbal agus Amalia (Phòs Amalia Pedro Alcántara Herrán, a bhios na cheann-suidhe).

An ceann greiseag na bhantrach-duine, phòs e María Ignacia Arboleda Arboleda, nighean pheathar a’ chiad bhean aige. A-rèir eachdraichean an àm, bha Mosquera mothachail gu robh e uabhasach aosda agus nuair a ghairm a ghràidh chun a’ chaileig òg thuirt esan dhi: " Am bu thoil leat a bhith banntrach an t-Seanaileir Mosquera?". Cha d’ fhuair iad ach aon mhac, José Bolívar Carlos Dorico Mosquera y Arboleda, a rugadh ann an 1878, beagan an dèidh bàs an t-Seanaileir.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Dùthchannan aig SMO
  2. Oifis a' Chinn-suidhe
  3. Leabharlann Luís Angel Arango
  4. Malcom Deas - Roi-Radh ann an: Lofstrom, William (1996) La vida íntima de Tomás Cipriano de Mosquera (1798 - 1830), Bogotá: El Áncora Editores, p.11
  5. Oilthigh Cauca

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Pàrtaidh Libearalach Choloimbia (Spàinntis)

Pàrtaidh Tòraidh Choloimbia (Spàinntis)