Jump to content

Tom Honeyman

O Uicipeid
Tom Honeyman
museum director (en) Translate

Beatha
Breith Alba, 10 dhen Ògmhios 1891
Bàs 5 dhen Iuchar 1971
Foghlam
Foghlam Queen's Park Secondary School, Glasgow (en) Translate
Dreuchd
Dreuchd Neach-tasgaidh agus art dealer (en) Translate
Fastaichean Taigh-tasgaidh Kelvingrove
Lefevre Gallery (en) Translate  (1929 -
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn
Strì An Cogadh Mòr
Dr Tom J Honeyman le Leslie Hunter c.1930

B' e Tom Honeyman an neach-stiùiridh na Gailearaidh Ealain Kelvingrove ann a 1939, agus stéidheadair an taigh-cluiche Citizens, ann a 1943. B’ e esan a cheannaich an dealbh dhe Ìosa Chrìost le Dalì, an diugh aon de na maoinean as luchdmhore anns ann taigh tasgaidh. Bha tòrr an aghaidh an ceannach seo, leis gun do chosg e uimhir. Ge-tà, bha Honeyman glic, agus cheannaich e an còir-lethbhreac airson an dealbh. Le sin, gach turas a tha an iomaidh air a ath-riochdachadh, bith an taigh tasgaidh a faighinn airgead air a shon. Rugadh Honeyman ann an Glaschu ann a 1891 ann a Denniston. Rinn e eòlas-leighis aig Oilthigh Ghlaschu fhad ’ s an bha e aig obair pàirt-ùine airson an Herald mar fo-dheasaiche. Bha e dèidheil air seòladh, agus aon turas sheòl e gu Montevideo gun fhiosda dha fhein. Agus cha robh fiù' s an deoch air, leis gun robh e na phàirt dhen ghluasad na stuamachd.

Dh’fhalbh e a shabaid ’s na trenchichean anns a' Chiad Chogadh agus nuair a Thill e bhon fronta, dh’ obraich e mar doctair air taobh an Ear Ghlaschu. Fhuair e obair mar còpair ealain ann a 1929 anns a’ ghailearaidh aig Reid agus Lefevre. Cha robh e fada ag obair an sin nuair a fhuair e cothram a dhol sìos a Lunnainn airson an a bhith na neach-stiùiridh anns an dàrna ghailearaidh Reid agus Lefevre.

Thill e dhan bhaile airson an Taigh tasgaidh Kelvingrove a’ stiùireadh ann a 1939.

Chuir e air dòigh taisbeanaidhean air Van Gogh, Matisse agus Picasso aig a' Khelvingrove, agus bhiodh sreath do dhuine a' dol timcheall an oisean mar a chiadh tu airson club oidhche ‘s a latha diugh.

Dh’iompaich e Uilleam Burrell an cruinneachadh aige fhàgail do bhaile Ghlaschu agus gu ìre mhòir, thug seo ìomhaigh Ghlaschu am follais le bhith a cuir tòrr taisbeanaidhean air dòigh. Leis gu robh léirsinn agus ard-amasan aige, gu math tric bha Honeyman a dol a mach air luchd-comhairle, agus cha mhòr nach do leig e às obair mar neach-stiùiridh an taigh tasgaidh. Agus s’ math nach do rinn! Rinn Tom Honeyman an t-uabhas airson cultar agus ealain ann a Glaschu fhad s' a bha e anns a' dhreuchd airson coig bliadhna deug, agus gun an dealbh aig Dalì agus na piosan eallain priseal a cheannaich e, cha bhiodh an taigh tasgaidh Kevingrove idir cho taireaignach 's a tha e chon an lath an diugh.