Jump to content

Teàrlach Wilson

O Uicipeid
Wilson ann an 2023

'S e cànanaiche agus neach-iomairt na Gàidhlig a th' anns an Dotair Charles Wilson (rugadh 19mh Cèitean 1984) a tha aithnichte air ainm Gàidhlig Teàrlach Wilson no Teàrlach MacUilleim. 'S e leth-chuid Chuimreach agus leth-chuid Albannach a th' ann an Wilson, a ghluais a Steòrnabhagh, Leòdhas ann an 2021. Às dèidh dha crìoch a chur air dotaireachd, stèidhich Wilson An Taigh Cèilidh[1]. Tha Beurla, Cuimris, Gàidhlig, Eadailtis, agus Pòlainnis aige.[2]

Rugadh Wilson ann an Abertawe (A' Chuimrigh; Beurla: Swansea) do mhàthair Chuimreach agus athair Albannach. Thogadh e ann am Pàislig (Alba) agus ann an Abertawe. Eadar aoisean 18 agus 32, dh'fhuirich Wilson ann an Sasainn, anns A' Chuimrigh, anns An Eadailt, agus anns A' Phòlainn.[3]

Ann an 2016, dh'imrich Wilson a Dhùn Èideann gus dotaireachd a dhèanamh air dual-chainntean na Gàidhlig. Ri linn glasadh-sluaigh ChOVID-19, dh'imrich Wilson a Steòrnabhagh. Ann an 2021, chuir e crìoch air an dotaireachd aige[4] aig an aon àm fhad 's a bha e ag obair còmhla ri Magaidh Nic a' Ghobhainn (bhon Acha Mhòr, Leòdhas) gus An Taigh Cèilidh a chur air chois.[5]

An Taigh Cèilidh

[deasaich | deasaich an tùs]

'S e carthannas, ionad cultarail agus cafaidh coimhearsnachd a th' anns An Taigh Cèilidh. 'S ann a bhith a togail na Gàidhlig anns a' choimhearsnachd an t-amas aig a' charthannas. Anns an Dùbhlachd 2022, dh'fhosgail An Taigh Cèilidh air Sràid na h-Eaglaise ann an Steòrnabhagh.[6] Aig an aon àm, bha Wilson ag obair air Scrabble Gàidhlig, a thàinig chun mhargaid ann an 2023.[7] Bha am pròiseact rud beag connspaideach an toiseach,[8] ach tha e air a bhith gu math soirbheachail bhon uair sin, agus, anns a' Ghiblean 2025, dh'fhosgail Wilson agus Nic a' Ghobhainn an dàrna ìre dhen phròiseact air a bheil An Taigh Coinneimh.[9] 'S e An Taigh Coinneimh àite thachartasan An Taigh Cèilidh, a tha air Sràid na h-Eaglaise cuideachd (mu choinneimh An Taigh Cèilidh).[10]

Tha An Taigh Cèilidh air a bhith air an telebhisean agus air an rèidio iomadh turas; Jules and Greg's Wild Swim nam measg.[11]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Social Enterprise Scotland: "A Safe Space for Gaelic"(Beurla).
  2. SpeakGaelic (Sreath 4 Prògram 2)(Gàidhlig).
  3. SpeakGaelic (Sreath 4 Prògram 2)(Gàidhlig).
  4. era (Edinburgh Research Archive) aig Oilthigh Dhùn Èideann(Beurla).
  5. The National: Seachd Ceistean le Magaidh Nic a' Ghobhainn(Gàidhlig).
  6. BBC Naidheachdan: Taigh-Cèilidh Steòrnabhaigh gus fosgladh(Gàidhlig).
  7. BBC Naidheachdan: Scrabble ri fhaotainn sa Ghàidhlig(Gàidhlig).
  8. The Times: 'Faux-community' café spells end of Gaelic, islanders claim(Beurla).
  9. We Love Stornoway: More Gaelic, music, and cèilidhs in SY(Beurla).
  10. BBC Sounds: Feasgar an-diugh 16 Apr 2025(Gàidhlig).
  11. BBC Scotland: Jules and Greg's Wild Swim (Series 2 Episode 3)(Beurla).

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]