Teàrlach MacColla

O Uicipeid
Jump to navigation Jump to search

B’ e seinneadair Gàidhlig agus “Sàr-charaid a’ Mhòd Nàiseanta” a bha ann an Teàrlach Aonghas MacColla (1946-2015) (Béarla: Charles Angus MacColl).

Bha Teàrlach MacColla fad 30 bliadhna a' cruinneachadh airgid airson mhòdan ionadail agus dhan Mhòd Nàiseanta Rìoghail air feadh na h-Albann. Chaidh an t-urram “Sàr-charaid a' Mhòid Nàiseanta” a bhuileachadh air aig Mòd an Òbain ann an 2015.[1]

Rugadh e an Àth Tharracail ach bha e fad bhliadhnaichean a' fuireach sa Ghearasdan. Bha e aithnichte airson a bhith a' brosnachadh na Gàidhlig air feadh na dùthcha, ’s e tric a’ cumail chèilidhean ann an Taigh-Òsta an West End sa Ghearasdan. Bhuineadh e do theaghlach cheòlmhor, ’s thug e fhèin ’s a theaghlach clàr a-mach air an robh “Dà Thaobh Loch Seile” sa bhliadhna 2000.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Press & Journal, “Fort William man is true Friend of the Mod”, leughte 2015-12-18

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]