Sìobar-spàs

O Uicipeid

'S e an sìobar-spàs an saoghal dealain de lìonraidhean choimpiutairean far a bheilear a' dèanamh conaltradh air loidhne.[1]

Chaidh am facal a chleachdadh leis an ùghdar William Gibson,[2] a' chiad turas, ged a bha rudan coltach ris air nochdadh roimhe.

Tha freumh Greugais aig a' chiad phàirt dhen fhacal, κυβερνήτης (no kybernētēs san tar-litreachadh) a tha a' ciallachadh stiùiriche, pìleat no falmadair.

Tùsan[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Free Dictionary "Cyberspace Defined"
  2. [1]