Steingrímur Hermannsson

O Uicipeid
Steingrímur Hermannsson
Ministear a' Ceartais agus Cùisean Eaglaiseil

10 dhen Dàmhair 1978 - 15 dhen Dàmhair 1979
Ólafur Jóhannesson - Vilmundur Gylfason (en) Translate
Minister of Agriculture (en) Translate

10 dhen Dàmhair 1978 - 9 dhen Dàmhair 1979
Halldór Eggert Sigurðsson (en) Translate - Bragi Sigurjónsson (en) Translate
Ministear Iasgaich

8 dhen Ghearran 1980 - 21 dhen Ògmhios 1983
Kjartan Jóhannsson - Halldór Ásgrímsson
Minister of Transport (en) Translate

8 dhen Ghearran 1980 - 21 dhen Ògmhios 1983
Magnús Helgi Magnússon (en) Translate - Matthías Bjarnason (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

26 dhen Chèitean 1983 - 8 dhen Iuchar 1987
Gunnar Thoroddsen - Þorsteinn Pálsson
Ministear nan Dùthchannan Cèin

10 dhen Dàmhair 1987 - 9 dhen Dàmhair 1988
Matthías Árni Mathiesen (en) Translate - Jón Baldvin Hannibalsson (en) Translate
Prìomh-mhinistear Innise Tìle

28 dhen t-Sultain 1988 - 30 dhen Ghiblean 1991
Þorsteinn Pálsson - Davíð Oddsson
Beatha
Breith Reykjavík, 22 dhen Ògmhios 1928
Dùthaich  Innis Tìle
Bàs Reykjavík, 1 dhen Ghearran 2010
Teaghlach
Athair Hermann Jónasson
Clann
Foghlam
Foghlam Institiùd Teicneòlais California
Dreuchd
Dreuchd neach-poileataigs, dioplomat, fèin-bheatha-eachdraiche, sgrìobhadair agus einnseanair
Creideamh
Pàrtaidh poileataigeach Am Pàrtaidh Adhartach

B' e innleadair agus neach-poileataigs, riochdaire dioplòmasach à Innis Tìle a bh' ann an Steingrímur Hermannsson (IPA: ˈsteinkrimur ˈhɛrmanˌsɔn).[1] Rugadh e air 22 an t-Ògmhios 1928 ann an Reykjavík.[2] Bha athair, Hermann Jónasson, na fhorsætisráðherra nuair a bha Hermannsson òg. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík, Institiùd Teicneòlais Illinois ann an Chicago agus Institiùd Teicneòlais California ann am Pasadena.[3] Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 1971. Bha e na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) dà thuras: eadar 1983 agus 1987 agus an uair sin bho 1988 gu ruige 1991 às leth Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ann an sreath cho-bhannan le Sjálfstæðisflokkurinn. Aig ìre eadar-nàiseanta, b' e an rud as motha a rinn e mar phrìomhaire na thachair ann an 1986, nuair a bha e na aoigh aig àrd-choinneamh Reykjavik eadar prìomh neach an Aonadh Sobhiatach Mikhail Gorbachev agus Ceann-suidhe na Stàitean Aonaichte Ronald Reagan. Ged nach robh e air a mheas mar shoirbheachadh aig an àm sin, chruthaich choinneamh sin an t-slighe air adhart airson deireadh a' Chogaidh Fhuair, agus fhuair na rinn riaghaltas Innis Tìle deagh mholaidhean air feadh an t-sabhail.[4] Phòs Hermannsson dà thuras: aig Sara Jane Donovan (1951) agus Guðlaug Edda Guðmundsdóttir (1962). Chuir Hermannsson bliadhnichean seachad os cionn Seðlabanki Íslands (Gàidhlig: Banca Nàiseanta Innis Tìle). Chaochail e ann an Garðabær air 21 an Gearran 2010. Bha a mhac, Guðmundur Steingrímsson, san Alþingi eadar 2013 agus 2016 fo sgàil Framsóknarflokkurinn agus, mu dheireadh thall, Björt framtíð.[5]

Caibineitean Hermannsson[deasaich | deasaich an tùs]

Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineitean fhad 's a bha Hermannsson os cionn an riaghaltais.[6] Bhuinneadh ias uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Morgunblaðið
  3. Caltech
  4. Morgunblaðið
  5. VB
  6. Stjórnarraðið
Ro-theachdair:
Gunnar Thoroddsen
(1983)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Þorsteinn Pálsson
(1987)
Ro-theachdair:
Þorsteinn Pálsson
(1988)
Forsætis­ráð­herra
Neach-ionlaid:
Davíð Oddsson
(1991)

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]