Sreath nan lantanach

O Uicipeid

Tha còig eileamaidean deug ann an sreath nan lantanach, bho lantanum do lutetium.

Tha iad glè choltach ri chèile agus ri scandium is itrium mar sin tha trì eileagtronan deiseil do gach atam airson ceimigeachd.

Feartan atamach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an diofar eileagtronach eadar gach lantanach anns an atam-cuairt 4f. Tha na ataman na lantanaich nas truime nas lugha air sgàth 's gu bheil a' cumhachd-thàlaidh on niùclas nas treasa. 'S e an lùghdachadh lantanach a tha ann seo.

Feartan ceimigeach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha na lantanaich a' cruthachadh salainn aidheonach agus lorgar iad san talamh mar sin. Tha e doirbh na lantanaich a sgàradh ach is urrainnear an sgaradh le criostaladh bloigheach.