Sgrabstal

O Uicipeid
Sgrabstal

Suidheachadh
Sgrabstal is located in Alba
Sgrabstal
Sgrabstal (Alba)
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle na Gaidhealtachd
Siorrachd Gallaibh
Co-chomharran 58° 36′ 35″ T
3° 33′ 9″ I
Comharradh-clèithe ND100702
Feartan fiosaigeach

’S e baile ann an Gallaibh ann an Roinn na Gaidhealtachd a tha ann an Sgrabstal[1] no Sgrabastal[2] (Beurla: Scrabster). Tha e 3 km (2 mhìle) bho Inbhir Theòrsa agus 175 km (109 mìle) bho Inbhir Nis. Chaidh e na bhorgh bharanachd ann an 1526 no 1527.[3]

Tha cala ann a tha cudromach airson iasgaich, agus tha an t-aiseag MV Hamnavoe aig Northlink a’ seòladh gu cunbhalach gu Stromness ann an Arcaibh.[4] Chaidh taigh-solais a thogail air Little Holburn Head faisg air Sgrabstal le David agus Thomas Stevenson ann an 1861 is 1862. Dh'fhàs e fèin-obrachail ann an 1988 is chaidh a dhùnadh ann an 2003.[5]

Ciall an ainme[deasaich | deasaich an tùs]

Tha Ruairidh MacIllEathain a’ sgrìobhadh:

“Tha fhios gun do thòisich àiteachan mar Sgrabastal/Scrabster, Liabost/Lybster, Camster agus Brabster mar bhailtean-fearainn oir tha iad a’ gabhail a-steach na h-eileamaid [Lochlannaich] bólstaðr ‘tuathanas’, a tha mar as trice air a giorrachadh (ann an dreach na Beurla) gu -bster no -ster. Uaireannan, ge-tà, chan eil a’ chiad eileamaid soilleir idir. Tha Sgrabastal/Scrabster a’ nochdadh mar Skarabólstaðr ann an Orkneyinga Saga, ach thathar a’ mìneachadh skara- ann an diofar dhòighean, eadar ‘faoileag’, ‘oir bearraidh’ is ‘-Skári’ (ainm pearsanta).[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Scrabster/ Sgrabstal”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  2. 2.0 2.1 A’ Ghàidhlig is Lochlannais air Aghaidh na Tìre, leabhar a sgrìobh Ruairidh MacIlleathain airson NàdarAlba
  3. Scrabster, General”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  4. Scrabster Ferry Terminal”. Northlink Ferries. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.
  5. Holburn Head”. Bòrd Thaighean-solais a' Chinn a Tuath. Air a thogail 5mh dhen Fhaoilleach 2019.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]