STUC

O Uicipeid
Mòr-dhàil Aonaidhean-ciùird na h-Alba
1897[1]
Fiosrachadh
Buill 630000
Cleamhnachadh ITUC
Daoine Greum Mac a' Ghobhainn, Satnam Ner, Dave Moxham
Oifisean 333 Rathad Woodlands, Glaschu G3 6NG
Dùthaich Alba
Làrach-lìn http://www.stuc.org.uk/

'S e aonad nàiseanta nan aonaidhean-ciùird ann an Alba a th' ann an STUC (ainm slàn: Scottish Trades Union Congress, Gàidhlig: Mòr-dhàil Aonaidhean-ciùird na h-Alba). Bidh an STUC a' riochdachadh mòr-chuid nan aonaidhean-ciùird ann an Alba. Chaidh a chruthachadh ann an Glaschu ann an 1897 air sàilleabh gu robh cuid a dhaoine mì-thoilichte leis na bha an TUC a' deanamh a thaobh riochdachadh nan luchd-obrach anns a' Pharlamaid.[2] Aig an ìre seo tha 36 aonaidhean-ciùird air an cleamhnachadh ris - EIS, UNISON agus UNITE nam measg - is iadsan a' riochdachadh mu 630,000 duine uile gu lèir. 'S e Greum Mac a' Ghobhainn a tha na àrd-rùnairean a-nis.[3] 'S ann ag amas air iomairtean le ìomhaigh àrd a chuir air dòigh, is e a' strì airson amasan agus beusan nan aonaidhean-ciùird. A bharrachd air sin, bithear a' cuideachadh aonaidhean-ciùird a thaobh fhastadh buill, a bhith nas èifeachdaiche agus ag obair an aghaidh chonnspairn eadar aonaidhean-ciùird agus airson dlùth-phàirteachas.

Àrd-rùnairean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Greum Mac a' Ghobhainn: 2005
  • Uilleam Speirs: 1998 - 2005
  • Caimbeul Christie: 1986 - 1998
  • Seumas Mac a' Mhuilleir: 1975 - 1986
  • Seumas Jack: 1963 - 1975
  • Seòras Middleton: 1949 - 1963
  • Teàrlach Muireach: 1947 - 1949
  • Uilleam Elger: 1922 - 1947

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. New Woker
  2. The Glasgow Story
  3. GOV

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]