Reifreann mu bhallrachd Bhreatainn san Aonadh Eòrpach 2016

O Uicipeid
Toraidhean anns gach sgìre

Air 23 am t-Òg-mhios 2016 chaidh reifreann neo-chuibhreach a chumail anns an Rìoghachd Aonaichte agus ann an Diobraltar a dh’ faighneachd am bu chòir do Bhreatann fuireach ’na ball den Aonadh Eòrpach air neo falbh. Chaidh am bhòt 51.9% airson Falbh agus 48.1% airson Fuireach. Bha eadar-dhealachaidhean móra eadar na pàirtean den Rìoghachd Aonaichte, leis a’ mhórchuid ann an Sasainn (53.4%) agus anns a’ Chuimrigh (52.5%) a’ bhòtadh airson Falbh agus a’ mhórchuid ann an Éirinn a Tuath (55.8%), ann an Albainn (62.0%), agus ann an Diobraltar (95.9%) a’ bhòtadh airson Fuireach. Bha eadar-dhealachaidhean móra ann a thaobh aois cuideachd. Chaidh a thomhas gun do bhòt 75% de dh’ òigrigh aois 18-24 airson Fuireach, agus dìreach 39% de dhaoine seachad air aois 65.

Air oidhche nan toraidhean, chaill an not Breatannach 11% d’a luach an taca ris an dolar, 7.3% d’a luach an taca ris an euro, ann an 4 uairean a thìde.

Gus an cùrsa a chum imeachd a thòiseachadh, ge-tà, cùrsa a mhaireas dà bhliadhna co-dhiù, feumaidh Riaghaltas Bhreatainn Alt 50 den Aonadh a chur an sàs, rud nach do rinn e fhathast.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]