Port Ghlaschu

O Uicipeid
Port Ghlaschu

Caisteal Newark, Port Ghlaschu
Suidheachadh
Dùthaich Alba
Comhairle Comhairle Inbhir Chluaidh
Siorrachd Siorrachd Rinn Friù
Co-chomharran 55° 56′ 5″ T
4° 40′ 50″ I
Comharradh-clèithe NS326745
Feartan fiosaigeach

'S e baile ann am meadhan na h-Alba a tha ann am Port Ghlaschu (Beurla: Port Glasgow).[1] Tha e faisg air Glaschu, ach ged a tha an t-ainm "Port Ghlaschu" air, tha sgaradh beag eatarra.

Chaidh caisteal a thogail ann an 1478 le Sir George Maxwell is ath-thogail le Patrick Maxwell ann an 1597.[2] Cheannaich na h-ùghdarrasan Ghlaschu an caisteal agus am fearann timcheall air ann an 1668 airson port ùr is borgh a chruthachadh.[3]

Thog James Watt doca-tioram an seo ann an 1762 is bha long-thogail glè chudromach ro dheireadh na 18mh linn. Chaidh a' chiad bhàta-smùide airson luchd-siubhail, an Comet, a thogail an seo ann an 1812.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Port Glasgow/Port Ghlaschu”. Ainmean-Àite na h-Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
  2. Newark Castle: History”. Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
  3. Newark Castle”. Canmore, Àrainneachd Eachdraidheil Alba. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.
  4. Old Port Glasgow”. Comhairle Inbhir Chluaidh. Air a thogail 29mh dhen Dùbhlachd 2018.