Pedagogia do Oprimido

O Uicipeid
Pedagogia do Oprimido
Fiosrachadh
Sgrìobhadair Paulo Freire
Bliadhna Foillseachaidh 1968
Cànan Portagailis
Dùthaich Braisil
Gnè-sgrìobhaidh Feallsanachd
Cuspair Marxachas, Foghlam

'S e leabhar air a sgrìobhadh ann am Portagailis ann an stoidhl feallsanachail leis an ùghdar Paulo Freire, a chaidh a chlò-bhualadh ann an 1968 's a th' ann an Pedagogia do Oprimido. Thathar a' beachdachadh gur e an annas-làimh aig Freire. San leabhar rinneadh càineadh gun sòradh air a' mhodail-tasgaidh (Portagailis: modelo bancário), far an robh an siostam foghlaim a' lionadh cinn nan sgoilearan le stuth is na sgoilearan uabhasach fhèin neo-ghnìomhach. 'S e, a rèir Freire, gun sparradh am modail-tasgaidh luachan agus feumlachdan sòisealta orrasa a bha millteach air an leasan. B' fheudar gun dùisgeadh mothachadh nan daoine (Portagailis: conscientização) agus iad a' cruthachadh a' churraicealaim air an sonsa, curraicealam a ghabhadh leis an cuid leasan. 'S e th' ann Teasgasg Sgrùdach.[1]

S' ann air na ceithir ceistean aig an robh uidh aig Freire a nì an leabhar fòcas:

  • dùisgeadh mothachadh
  • Rèabhlaid
  • Co-chòmhradh
  • Co-obrachadh

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. MCLAREN, P. A vida nas escolas: uma introdução á pedagogia crítica nos fundamentos da educação. 1997, Artes Médicas.