Loch a' Ghlinne

O Uicipeid

Co-chomharran: 57°04′36″N 5°58′04″W / 57.076700°N 5.967800°W / 57.076700; -5.967800

Sealladh air Loch a' Ghlinne
Suidheachadh
Suidheachadh
Loch a' Ghlinne
Suidheachadh Loch a' Ghlinne anns an Eilean Sgitheanach

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch a' Ghlinne.[1][2] Tha e suidhichte ann an Slèite, an t-Eilean Sgitheanach.

Tha an loch seo cho mòr ri 26.6 ha (65.7 acair). 'S e 3.8 km (2.3 mìle) an cuairt-thomhas aige agus tha e mu 1.1 km a dh'fhad san àite as dìriche.[2] Tha tòrr eileanan aig ceann an iar na locha. Tha bàrr uisge an locha mu 6 m (20 troigh) os cionn na mara agus tha e mu 1.8 km (1.1 mìle) air falbh bhon mhuir. Thèid an loch a lìonadh gu h-àraid bhon iar le Abhainn a' Ghlinne Mheadhonaich, ach tha mòran alltain bhon tuath is bhon deas a lìonadh cuideachd. Tha an t-uisge a' sruthadh a-mach à Loch a' Ghlinne chun an iar tro Allt a' Ghlinne chun na mara.

Chan eil duine sam bith a' fuireach faisg air Loch a' Ghlinne agus mar sin chan eil rathaidean ann a leanas chun na locha seo. Tha ceum coiseachd a' leantainn tron ghleann, ri taobh na locha bho Rathad Tharsgabhaig dhan chosta. tha tobhtaichean faisg air an loch a tha a' sealltainn far an robh daoine a' fuireach gu ruige nam Fuadaichean.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Ainmean-àite aig Comunn Eachdraidh Shlèite
  2. 2.0 2.1 Fiosrachadh aig British LakesTeamplaid:Fix/category[dead link]

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NG596054

Dealbhan[deasaich | deasaich an tùs]