Loch Dùghaill

O Uicipeid
Sealladh air Loch Dùghaill

Is dòcha gu bheil sibh a' lorg Loch Dhùghaill san Eilean Sgitheanach.

Co-chomharran: 57°28′17″N 5°20′34″W / 57.471389°N 5.342778°W / 57.471389; -5.342778

Suidheachadh
Suidheachadh
Loch Dùghaill
Suidheachadh Loch Dùghaill air a' Ghàidhealtachd

'S e loch ann an Alba a tha ann an Loch Dùghaill (uaireannan Loch Doule sa Bheurla). Tha e suidhichte mu 6 mìle san iar-dheas air Loch Sgamhain agus mu 4 mìle san ear-thuath bho cheann Loch Carrann. Tha am baile Beul-àth na Crà timcheall air cilemeatair san iar-thuath an locha.

Tha an loch mu 2 mìle a dh'fhad agus tha an leud aige beagan nas lugha na leth-mhìle. Tha e cho mòr ri 283 acair. 'S e 67 troigh an domhainneachd mheadhanach aige le 179 troigh aig an àite as doimhne. Tha bàrr uisge an locha mu 93,1 troigh os cionn na mara. [1] Tha an Abhainn Carrann a' sruthadh tron loch.

Tha an rathad A890 a' dol seachdad air taobh iar-thuath an locha. Tha stèisean Achadh nan Seileach mu 500 meatair air falbh bho bruach a tuath, stèisean dhen rathad-iarainn gu Caol Loch Aillse a bhios a' ruith seachad air ann an loch seo cuideachd. Mar sin tha e furasta don luchd-turais Loch Dùghaill a ruigsinn.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Murray, Sir John and Pullar, Laurence (1910) Bathymetrical Survey of the Fresh-Water Lochs of Scotland, 1897-1909. "Lochs of the Carron Basin", td 60, Iom-leabhar II, Pàirt II. Leabharlann Nàiseanta na h-Alba.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]

Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: