Leabhar Dhèir

O Uicipeid
Air folio 29v tha dealbh den t-soisgeulaiche Lucas.

’S e leabhar shoisgeul sa Laidinn bhon 10mh Linn a tha ann an Leabhar Dhèir (Leabharlann Oilthigh Chambridge, MS. Ii.6.32) ach chaidh a chur ris anns an 12mh Linn ann an Laideann, Seann-Ghaeilge agus Gàidhlig na h-Albann. Tha e ainmeil air sgàth ’s gur e seo an sgrìobhadh as sine a tha againn ann an Gàidhlig bho Albainn.

Chan eil e cinnteach cà an deach an leabhar a sgrìobhadh an toiseach, ach tha e reusanta creidsinn gun robh an làmh-sgrìobhainn aig Dèir ann an Siorrachd Obar Dheathain nuair a chaidh na sgrìobhaidhean-iomaill a chur ris. Is dòcha gur e an làmh-sgrìobhainn as sine a mhaireas againn bho Albainn (ach faic Leabhar Cheanannais). Tha e airidh gun deach a sgrìobhadh ann an sgìre a thathar a-nis a’ cunntadh a bhith taobh a-muigh na Gàidhealtachd. Tha an làmh-sgrìobhainn den ghnè Irish pocket Gospel Books, a chaidh an dèanamh airson cleachdadh prìobhaideach seach sheirbheisean eaglaise. Ged is iad làmh-sgrìobhainnean Èireannach a tha sna na làmh-sgrìobhainnean gu léir as fhaisge air, tha a’ mhòrchuid de sgoilearan den bheachd gun deach a dhèanamh ann an Albainn. Tha 86 duilleagan san leabhar, agus meudachd 54 mm × 107 mm. Tha e sgrìobhte air meamran le inc dhonn, agus tha ceangladh agus cuibhreachadh ùr-nòsach air.

Tha Leabhar Dhèir air a bhith ann an seilbh Leabharlann Oilthigh Chambridge bho 1715, nuair a chaidh leabharlann John Moore, Eaglais Ely a thoirt gu Oilthigh Chambridge leis an Rìgh Deòrsa I..[1] Bidh an leabhar air ais ann an Alba ann an taisbeanadh ann an Obar Dheathain ann an 2022.[2]

An teacsa[deasaich | deasaich an tùs]

Anns an teacsa sa Laidinn tha Soisgeul Eòin uile gu léir, codaichean de shoisgeulan Mhata, Mharcais agus Lùcais, cuid den òrdugh airson tadhal air euslainteach, agus de Chreud nan Abstol. Tha e a’ crìochnachadh le abairt phearsanta bhon sgrìobhaiche san t-Seann-Ghaeilge. Tha teacsa nan Soisgeulan stéidhte air an Vulgate ach tha rudan àraidh ann a bhuineas gu sònraichte ri na Irish Gospel books. Tha iad uile sgrìobhte sa stoidhle Irish minuscule, le aon sgrìobhaiche a-mhàin a réir coltais. Ged a tha an teacsa agus an stoidhle sgrìobhaidh ag deimhneachadh gu bheil e den ghnè Irish Pocket Gospel, tha beachd aig sgoilearan gur ann an Albainn a chaidh a sgrìobhadh.

Air folio 5r tha Soisgeul Mhata 1:18 gu 1:21. Seall am measgadh-litreach Chi Rho a tha san oisein shuas air an taobh chlì. ’S e sgrìobhadh sa Ghàidhlig a tha san iomall.

Tha seachd teacsaichean ann an Gàidhlig na h-Albann anns na àiteachan a bha bàn timcheall air na prìomh theacsaichean. Anns na sgrìobhaidhean-iomaill seo tha cunntas air stéidheachadh a’ mhainistir le Calum Cille agus Drostan, agus clàraidhean de chóig pìosan fearainn a chaidh a thìodhlacadh dhan mhainistir agus saorsa bho chìsean àraidh. Tha cuideachd lethbhreac de Chairt sa Laideann a thug Rìgh Daibhidh I don mhainistir, ga dhìon bho “omni laicorum officio et exactione indebita” (gach dleastanas a bhios air an tuath agus gach cìs eucoireach). Chaidh na teacsaichean Gàidhlig a sgrìobhadh ri uiread agus cóig sgrìobhadairean eadar-dhealaichte. Is iadsan na sgrìobhaidh Gàidhlig as sinne a mhaireas againn bho Albainn. Leis a sin, tha iad cudromach air sàillibh na tha iad sealltainn dhuinn a thaobh leasachadh tràth a’ chànain ann an Albainn.

Am maiseachadh[deasaich | deasaich an tùs]

Is léir gun deach deagh smaoineachadh a dhèanamh ro làimh air an sgeama maiseachain, oir tha siostam coileanta ann. Tha ceithir coltasan làn-duilleige ann de na soisgeulaichean. Tha gach fear dhiubh mu choinneimh duilleag de theacsa air a bheil oir de mhaiseachadh fighte Ceilteach. Tha an leabhar a’ tòiseachadh le meanbh-choltas làn-duilleige den cheathrar shoisgeulaichean. Agus tha e a’ dùnadh le dà thaobh-duilleige an aghaidh a chéile, gach fear dhiubhsan cuideachd le meanbh-choltas làn-duilleige de na soisgeulaichean. Tha an teacsa mu dheireadh de Eòin a’ crìochnachadh le meanbh-choltas leth-dhuilleige de dhithis fhireannach. Tha tùs-litrichean beaga maisichte air feadh an teacsa. Tha deich duilleagan ann cuideachd, iad uile san dàrna leth den leabhair, anns a bheil dealbhan de dh’fhireannaich, de bheathaichean, no sgrochlaidhean sìmplidh.

Có às ’s a thàinig e?[deasaich | deasaich an tùs]

Tha ainm an leabhair a’ tighinn bhon mhainistir ann an Dèir air a bheil luaidh san teacsa agus anns a’ Chairt Laideann aig Rìgh Daibhidh I. Gu mì-fhortanach, cha do dh’fhàg a’ choimhearsnachd seo rian eile againn gun robh i ann, ged a chaidh mainistir Cistercianach a stéidheachadh faisg air an àite sa bhliadhna 1219, aig an robh seilbh air cuid de na talamhan air a bheil tràchd san teacsa Gàidhlig. Thàinig e gu Leabharlann Oilthigh Chambridge sa bhliadhna 1715 nuair a cheannaich an Rìgh Deòrsa I an cruinneachadh a bha aig John Moore, Easbaig Ely, agus gun do thiodhlaic e dhan Oilthigh e. Roimhe sin, tha e coltach gun robh seilbh air aig Thomas Gale, prìomh mhaighstir Sgoil Naomh Pòl ann an Lunnainn.[1] Chan eil fios ciamar a thàinig an leabhar gu bhith ann an Sasainn, ach tha amharas aig cuid gun deach a chreach sna Cogaidhean Saoirse na h-Albann eadar deireadh an 13mh Linn agus toiseach an 14mh Linn.

Tùsan fiosrachaidh[deasaich | deasaich an tùs]

Barrachd leughaidh[deasaich | deasaich an tùs]

  • Forsythe, Katherine. Studies on the Book of Deer. Dublin: Four Courts Press, 2008. ISBN 978-1-85182-569-1 (anns a bheil eagrachadh agus mion-sgrùdadh air an teacsa Gàidhlig gu léir)

Eàrr-nòtaichean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 https://web.archive.org/web/20130110124737/http://bookofdeer.co.uk/the-book-of-deer/
  2. Teamplaid:Iomradh neaidheachd

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]