Jämshög

O Uicipeid
Jämshög
Gearradh-arm
no Seula
Suidheachadh
Dùthaich An t-Suain
Ceàrn Blekinge
Sgìre Blekinge län
Co-chomharran 56° 14’ Tuath
14° 31′ Ear
Feartan fiosaigeach
Farsaingeachd 163 km²
Àireamh-shluaigh 1,543 (2005)
Dlùths 9.47/km²
Àireamh fòn 0454
Duilleag oifigeil Duilleag oifigeil (Olofström)

‘S e clachan (Suainis: tatort) ann am an ceann a deas na Suaine a th’ann Jämshög. Chaidh am baile a stèidheachadh mu 1100.[1] Tha e suidhichte anns an sgìre Blekinge, anns an roinn (Suainis: Län) Blekinge,[2] eadar Loch Halen agus Loch Orlunden, ri taobh na h-Aibhne Mieån.[3] Tha am baile fhèin aig 52m os cionn ìre na mara[4] 226km air falbh bho Ghöteborg agus 403km bho Stockholm prìomh-bhaile na dùthcha.[5] Tha 1,543 daoine a’ fuireach anns a’ bhaile.[6] ‘S e an dualchaint Bleskingska (measgachadh dhe Suainis agus Danmhairgis) a tha ga bhruidhinn anns an sgìre. Chaidh Jämshög a thoirt ri chèile, aig ìre riaghaladh, le Kyrkhult agus Olofström ann an 1967.

Freumhan an Ainm[deasaich | deasaich an tùs]

Ged nach eil freumh-fhaclachd an ainm seo cho soilleir tha e coltach gur ann à hög (Gàidhlig: àrd/bàrr) agus Jäm (iarann) a tha an t-ainm.[7] Bheireadh sin Bàrr an Iarainn dhuinn sa Ghàidhlig an latha an-diugh.

Daoine Ainmeil[deasaich | deasaich an tùs]

Eòlas-sluaigh[deasaich | deasaich an tùs]

Bliadhna Daoine
2005 1543
2000 1593
1995 1658
1990 1651
1980 1715
1975 1760
1970 1626
1965 1367
1960 1024

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Jamshog
  2. Nationalencyklopedin
  3. Svensk Geografi
  4. Mongabay
  5. Distance Calculator
  6. Cunntas-sluaigh na Suaine
  7. Runeberg

Ceanglaichean A-mach[deasaich | deasaich an tùs]