Institiud Foghlam na h-Alba

O Uicipeid
Institiud Foghlam na h-Alba
1847
Fiosrachadh
Buill 54580
Cleamhnachadh STUC, TUC
Daoine Larry Ó Flannagáin, Margaret Smith
Oifisean 46 Ceàrnag Mhuirich, Dùn Èideann EH3 6BH
Dùthaich Alba
Làrach-lìn http://www.eis.org.uk/

'S e aonadh-ciùird Albannach a tha ag obair às leth luchd-teagaisg ann an sgoiltean agus colaistean air feadh na dùthcha a th' ann an EIS (ainm fada: Educational Institute of Scotland, Gàidhlig: Institiud Foghlam na h-Alba). Chaidh a chruthachadh ann an Dùn Èideann ann an 1847[1] agus 's e an t-aonadh-ciùird foghlaim as aosta na cruinne a th' ann. le 54,580 buill[2] (2014) tha an EIS a' riochdachadh 80% dhen luchd-teagaisg ann an Alba. 'S e deagh eiseimpleir iomairteachd a th' ann cuideachd.

Eachdraidh[deasaich | deasaich an tùs]

B' e gu robh staing dhoirbh ann an eaconomaidh eadar-nàiseanta ann fad na bliadhnaichean bho 1840 gu ruige 1850 agus le sin dh'fhàs luchd-teagaisg air feadh Alba gu math amharasach mu atharraidhean a thaobh chùmhnantan agus pàigh taobh a-staigh siostam foghlam na h-Alba. B' e prìomh amas na h-institiud deagh ionnsachadh a bhrosnachadh agus feumalachdan foghlaim ann an Alba adhartachadh. Ann an 1851 fhuair an EIS bann sgrìobhte on a' Bhànrigh Bhictoria a thug cead dhan institiud a thoirt ceumannan do dhaoine a tha àirigh air duais foghlam air sàilleabh an cuid dheagh obair sna sgoiltean. 'S e rud nach dèan aonadh-ciùird eile sam bith a dhèanamh a th' ann sin. Dh'aontaidh iomadach aonadh-ciùird beag ris an EIS ann an 1917, ga dhèanamh an t-aonadh-ciùird foghlaim na bu mhotha na dùthcha. Thoisich co-bharganachadh nàiseanta ann an 1939.[3] Chleamhnaich an EIS ris an STUC ann an 1976 agus ris an TUC ann an 1977. Ann an 1985 Dh'aontaidh tidsearan sna oilthighean ris an EIS agus ann an 1988 Dh'aontaidh luchd-òraide nan colaistean ris an Institiud.[4]

An Latha An-diugh[deasaich | deasaich an tùs]

Tha an EIS an sàs ann an dàimh ghnìomhachasach ceangailte ri foghlam gus ar làithean is i a' riochdachadh thidsearan anns a h-uile dòigh. A thaobh phàigh, tha i a' gabhail pàirt ann an co-bharganachadh phàigh aig ìre nàiseanta (SNCT)[5] agus ionadail (LNCT). A bharrachd air sin, bidh an Institiud ag obair air poileasaidhean foghlaim. Rinn an EIS a' chùis ann an iomairt gus na deuchainnean Nàiseanta 5 atharrachadh agus ann an stailc gus àrdachadh pàigh fhaighinn do luchd-teagaisg nan colaistean ann an 2017.[6] Bidh an EIS a' co-obrachadh le tòrr bhuidhnean eile mar Riaghaltas na h-Alba, an SQA agus GTCS.

Riaghladh[deasaich | deasaich an tùs]

'S e buill an EIS fhèin a tha ga riaghladh, a' moladh pholasaidhean agus ga stiùireadh. Thathar a' cumail coinneamh choitcheann bhliadhnail san Ògmhios gach bliadhna ann am Peairt air neo ann an Dùn Dè. Molaidh gach comann ionadail an EIS gluasadan air a stèidhicheas polasaidhean an EIS airson na bliadhna ri teachd. 'S e Comhairle an EIS, a chumas a chuid choinneamhan còig turas gach bliadhna ann an Dùn Èideann, a tha an urra ri co-dhùnaidhean na coinneimh choitcheann bhliadhnail a chuir an gnìomh.

Polasaidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  • Polasaidh an aghaidh gnèitheachais
  • Polasaidh an aghaidh èigneachaidh-deit
  • Polasaidh an aghaidh dhroch-dhìol air chloinn aig an taigh
  • Polasaidh an airson chothroman

Àrd-rùnairean[deasaich | deasaich an tùs]

  • A. E. Cook
  • 1941: John Wishart
  • 1945: Alexander J. Belford
  • 1952: Uilleam Caimbeulach
  • 1960: Gilbert Stewart Bryden
  • 1975: John Pollock
  • 1987: Jim Martin
  • 1995: Ronnie Mac a' Ghobhainn
  • 2012: Larry Ó Flannagáin

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. NLS
  2. Annual Return for a Trades Union
  3. CAM
  4. Scottish Government Year Books
  5. SNCT
  6. The National

Ceanglaichean A-muigh[deasaich | deasaich an tùs]