Iain MacAonghais

O Uicipeid
Iain MacAonghais
Beatha
Breith Timsgearraidh, 1930
Dùthaich  Alba
Bàs 11 dhen Chèitean 2019
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Cànain Gàidhlig
Beurla
Dreuchd
Dreuchd cànanaiche agus eachdraiche
Fastaichean Sgoil Eòlais na h-Alba

B' e aon de na sgoilearan Gàidhlig na bu chudromaiche a bh' ann an Dr Iain MacAonghais (1930). Bha ùidh mhòr aige ann an òrain thraidiseanta, beul-aithris agus cultar na Gàidhealtachd. Sgrìobh e iomadh artaigil is lèirmheas mu dhèidhinn an litreachais Gàidhlig airson irisean mar Gairm, Scottish Studies agus The Scotsman.

Sgeul-beatha[deasaich | deasaich an tùs]

b' e a shloinneadh Iain mac Ruairidh mhic Iain mhic Iain mhic Nèill mhic Mhaol Mhoire mhic Iain mhic Mhaol Chaluim.[1] Rugadh e ann am Baile na Cille, Leòdhas, ann an 1930. Bha athair Iain, Ruaraidh MacAonghais, na mhinistearach ann an Eaglais na h-Alba.[2] Bha Gàidhlig aige agus aig màthair Iain, Mòrag, cuideachd.[2] Dh'imrich an teaghlach gu Ratharsair mus a ràinig e ochd bliadhna a dh'aois. Chaidh Iain MacAonghais oideachadh ann am Bun-sgoil Ratharsair. An uair sin, dh'fhàg e Ratharsair agus chaidh e air adhart gu Àrd-sgoil Phort Rìgh anns an Eilean Sgitheanach. Fhuair e an àrd-ìre ann an Laideann, Seann Ghreugais, Ealain, is Beurla.[2] Ann an 1948, thòisich e ceum aig Oilthigh Dhùn Èideann. An toiseach, bha e ag ionnsachadh Beurla, ach dh'atharraich e an cuspair gu cànanachas agus dh'ionnsaich e Seann Bheurla, Meadhan Bheurla is Seann-Lochlannais. Ann an 1955, chuir e crìoch air a cheum. Bhuannaich e Duais J Logie Robertson ann am Beurla, Bonn-cuimhne ann am beus-eòlas, agus Duais James Seth ann am feallsanachd. Fhuair e Gatty Scholarship, agus leis an taic-airgid seo, b' urrainn dha sgrùdadh a dhèanamh air “The Gaelic Element in Lowland Scots”.[2]

Airson seirbheis san arm, chuir e ùine seachad ann an Cìopras. Dh'ionnsaich e Greugais aig an àm seo. Ann an 1958, thòisich e obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba. Ann an 1964, fhuair e sgoilearachd bhon Riaghaltas nan Eilean Fàro airson laoidhean-dhannsa a sgrùdadh anns Na h-Eileanan Fàro. Bha e ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 1993.

Clàr-leabhar[deasaich | deasaich an tùs]

  • Newton, Michael (deas.). Dùthchas nan Gàidheal. Selected Essays of John MacInnes. Dùn Èideann: Birlinn, 2006.
  • Blankenhorn, Virginia (deas.) 2014. Craobh nan Ubhal: A Festschrift for John MacInnes. Scottish Studies Vol 37. (Edinburgh: School of Scottish Studies)

Aistean[deasaich | deasaich an tùs]

  • MacInnes, John. (1989) 'The Gaelic perception of the Lowlands' ann an Alba agus a' Ghàidhlig deas. le William Gillies (Edinburgh: EUP), 89-100.

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Blankenhorn, Virginia. 2014. 'John MacInnes:A Biographical Note' ann an Craobh nan Ubhal: A Festschrift for John MacInnes Scottish Studies Vol 37. deas. le V. Blankenhorn (Edinburgh: School of Scottish Studies)
  2. 2.0 2.1 2.2 2.3 Jim Gilchrist, Dr John MacInnes - Services to Gaelic Awards 2015.

Ceanglaichean a-mach[deasaich | deasaich an tùs]