Hörgárdalur

O Uicipeid
Hörgárdalur

'S e gleann a tha ri taobh Eyjafjörður ann an ceann a tuath Innis Tìle 's a th' ann an Hörgárdalur (Norðurland eystra). 'S ann dhan sgìre-bhaile Hörgársveit a bhuinneas e.[1] Tha a' mhòr-chuid dhen àite air a lìnigeadh le beanntan a tha uabhasach fhèin àrd,[2] agus tha abhainn Hörgá a' sruthadh tron ghleann.

Tha an Landnámabók ag ràdh:

Geirleifur hét maður; hann nam Hörgárdal upp til Myrkár; hann var Hrappsson og bjó í Haganum forna. Hans son var Björn hinn auðgi, er Auðbrekkumenn eru frá komnir.[3]

B' e Geirleifur am fear thug e seilbh air Hörgárdalur suas gu Myrkár; b' e mac Hrapp a bh' ann is dh'fuirich ann an seann Haganum. B' e Björn Beartach a bh' ann a mhac, a bhuinneadh do shliochd Auðbrek.

Rugadh Hannes Þórður Pétursson Hafstein - a bh na phrìomh-mhinistear dà thuras - sa ghleann seo ann an 1861. Tha an sgìre a' buntainn dhan sgìre-phàrlamaid Norðausturkjördæmi.[4]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Hörgársvei
  2. Íslenski Alpaklúbburinn
  3. Snerpa
  4. Alþingi
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: