George Elder Davie

O Uicipeid
George Elder Davie
Beatha
Breith Dùn Dèagh, 18 dhen Mhàrt 1912
Dùthaich  Alba
Bàs Sutton Veny (en) Translate, 20 dhen Mhàrt 2007
Teaghlach
Cèile Elspeth Davie
Foghlam
Foghlam Oilthigh Dhùn Èideann
Teusas The Scotch metaphysics
Cànain Beurla
Dreuchd
Dreuchd feallsanaiche
Fastaichean Oilthigh Dhùn Èideann
Oilthigh na Bànrighe ann am Beul Feirste
Obraichean comharraichte The Democratic Intellect (en) Translate
Duaisean a fhuaras
Ballrachd Comann Rìoghail Dhùn Èideann
Far-ainmean G.E. Davie
Seirbheis san arm
Meur an airm Arm Bhreatainn

B' e feallsanach Albannach a bh' ann an George Elder Davie (18 am Màrt 191220 am Màrt 2012). B' e The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century (1961) an leabhar as ainmeile a sgrìobh e, agus “bha buaidh mhòr aig a smaoineasan agus aig a sgoileireachd feallsanachail air sgrìobhaichean, luchd-teagaisg, agus smaoinichean na h-Alba, agus gu ìre mhòr tha an dòigh anns an deach deamocrasaidh, agus foghlam agus cultar an òrdachadh an Alba an urra ris.”[1]

Beatha[deasaich | deasaich an tùs]

Rugadh agus thogadh Davie ann an Dùn Dèagh. Bha e a’ frithealadh Àrd-sgoil Dhùn Dèagh mus deach e air adhart gu Oilthigh Dhùn Èideann. Rinn e ceum ann am feallsanachd.

George Elder Davie agus Litreachas[deasaich | deasaich an tùs]

Bha Elspeth Davie, a' bhean aig George, na sgrìobhadair ainmeil agus fhuair i Duais Katherine Mansfield airson Sgeulachdan Goirid ann an 1978. Nuair a bha e a' fuireach ann am Beul Feirste, bha George Davie eòlach air Philip Larkin, aon de na bàrd as cliùitiche ann am Beurla anns an 20mh linn.

Ann an Dùn Èideann, bha e gu math dlùth ri Somhairle MacGill-Eain. Fhuair e eòlas air Somhairle as t-samhradh 1933. Bha George Davie na oileanach Feallsanachd an Oilthigh Dhùn Èideann aig an àm seo. “Goirid an dèidh sin, choinnich Somhairle MacGill-Eain ri caraid do George Davie, James Bowman Caird”, a bha na oileanach anns an dàrna bliadhna an Oilthigh Dhùn Èideann, “agus bha an triùir fhear nan deagh chompanaich bho sin a-mach.”[1] Stiùir Davie agus Caird Somhairle air bàrdachd Ùisdein MhicDhiarmaid. B' e Davie am fear a chuir Somhairle agus Ùisdean an aithne a chèile a' chiad turas. Mar a sgrìobh Somhairle mu a dheidhinn: “Bha George Davie gu sònraichte fiosrachail mu iomadach seòrsa gnothach an Alba, agus bha ùidh aige gu h-àraid ann an smaoineasan agus bha am fiosrachadh aige farsaing.”[2]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. 1.0 1.1 "Companaich litreachail: George Elder Davie: 1912-2007." Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.
  2. "Eachdraidh-beatha: Anns an Oilthigh (1929-1933)", Somhairle MacGill-Eain Air-Loidhne.

Leabhar-chlàr[deasaich | deasaich an tùs]

  • The Democratic Intellect: Scotland and her Universities in the Nineteenth Century (1961)
  • The social significance of the Scottish philosophy of common sense (Dow lecture, 1972)
  • The Scottish Enlightenment (1981)
  • The Crisis of the Democratic Intellect: The Problem of Generalism and Specialisation in Twentieth-Century Scotland (1986)
  • The Scottish Enlightenment and Other Essays (1991)
  • A Passion for Ideas: Essays on the Scottish Enlightenment 2 (1994)
  • The Scotch Metaphysics : a Century of Enlightenment in Scotland (2000)

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]