Framsóknarflokkurinn

O Uicipeid
Framsóknarflokkurinn
Fiosrachadh
Stèidheachadh 19 an Dùbhlachd 1916
Luchd-stèidheachaidh Ólafur Briem
Àite-Stèidheachaidh Reykjavík
Beachd-smuainealas Eachdraidheil talmhanachd
Beachd-Smuainealas An-Dràsda Libearalas
Oifisean Hverfisgata 33, 101 Reykjavík
Cathraiche Sigurður Ingi Jóhannsson
Suidheachain 8/63
Riaghaltas Luchd-dùbhlain

'S e partaidh poileatagach à Innis Tìle a bhios a' gabhail ri poilitigs Libearalach 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Pàrtaidh Adhartach). Chaidh a stèidheachadh air 16 an Dùbhlachd 1916[1] nuair a thàining Pàrtaidh nan Tuathanach agus Tuathanaich Neo-eisimeileach còmhla, le sin 's e am pàrtaidh poilitigeach as sìne a tha fhathast an sàs ann am beatha poblach Innis Tìle a th' ann. Ron Dàrna Cogadh, b' e gu robh Innis Tìle gu math dùthchail is a' mhòr-chuid nan daoine a' fuireach agus ag obair air an talamh. Ann am meadhan na linne dh' atharraich seo gu mòr, agus dh’ fheuch am pàrtaidh ri polasaidhean ùra a chur an gnìomh, ged a thathar fhathast a' cur fòcas air an dùthaich, a cuid choimhearsnachdan agus àiteachas. Tha ochdnar riochdairean aige san Alþingi (pàrlamaid), sianar boireannaich agus triùr fireannaich.[2] 'S e an treas fòrsa poileataigeach na dùthcha 's a th' ann am Framsóknarflokkurinn. Tha am pàrtaidh san riaghaltas ann an co-bhann còmhla ri Vinstrihreyfingin - grænt framboð agus Sjálfstæðisflokkurinn a-nis.

Taghaidhean dhan Alþingi[deasaich | deasaich an tùs]

B' ann ann an 1923 a bha Framsóknarflokkurinn na bu shoirbheachaile, ach fhuair iad deagh thorraidhean ann an 2013.[3]

Bliadhna Bhòtaichean % Seataichean
1999 30,415 18.4 12
2003 32,484 17.7 12
2007 21,350 11.7 7
2009 27,699 14.8 9
2013 46,173 24.4 19
2016 21,791 11.5 8
2017 21,016 10.7 8

Prìomh-mhinistearan[deasaich | deasaich an tùs]

Tha naoinear Forsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) air a bhith aige gu ruige seo:

Ceanglaichean a-muigh[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean[deasaich | deasaich an tùs]

  1. Alþingi
  2. Parties and Elections
  3. Stjórnarrað ĺslands
Commons
Commons
Tha dealbhan ann an Wikimedia Commons cuideachd a tha ceangailte ris an aiste seo: